Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 16:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha toil aig Pòl am fear seo a dhol a‑mach maille ris; agus ghabh e agus thimcheall-gheàrr e e, airson nan Iùdhach a bha anns na h‑àitean sin: oir bha fhios aca uile gum bu Ghreugach athair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ach gun sgrìobh sinn dan ionnsaigh, iad a sheachnadh truaillidheachd iodhalan, agus strìopachais, agus nì tachdte, agus fala.

Agus b’àill le Barnabas iad a thoirt Eòin, don co‑ainm Marcus, leo.

Ach thagh Pòl Silas, agus dh’imich e, air dha a bhith air earbsa ri gràs Dhè leis na bràithrean.

Chan eil èifeachd anns an timcheall-ghearradh, agus chan eil èifeachd anns an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an coimhead àitheantan Dhè.

Agus rinneadh mi do na h‑Iùdhaich mar Iùdhach, a‑chum gun cosnainn na h‑Iùdhaich; dhaibhsan a tha fon lagh, mar dhuine fon lagh, a‑chum gun cosnainn iadsan a tha fon lagh;

Ach cha b’èiginn do Thìtus fhèin, a bha am chuideachd, a bhith air a thimcheall-ghearradh, ged bu Ghreugach e:

(Oir an tì a dh’obraich gu h‑èifeachdach ann am Peadar a‑chum abstolachd an timcheall-ghearraidh, dh’obraich e gu cumhachdach annamsa mar an ceudna a‑chum nan Cinneach:)

Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh.

Ach is aithne dhuibh a dhearbhadh-san, mar mhac da athair, gun do rinn e seirbhis maille riumsa anns an t‑soisgeul.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan