Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 16:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A bha fo dheagh ainm aig na bràithrean a bha ann an Listra agus ann an Iconium.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).

Ach chrath iadsan duslach an cas dhiubh nan aghaidh, agus thàinig iad gu Iconium.

Agus thàrladh ann an Iconium gun deachaidh iad araon a‑steach do shionagog nan Iùdhach, agus gun do labhair iad air chor is gun do chreid cuideachd mhòr de na h‑Iùdhaich, agus mar an ceudna de na Greugaich.

Agus nuair a shearmonaich iad an soisgeul don bhaile sin, agus a rinn iad mòran dheisciobal, thill iad gu Listra, agus Iconium, agus Antioch,

Nuair a thuig iadsan seo, theich iad gu Listra agus Derbe, bailtean de Licaonia, agus a‑chum na dùthcha mun cuairt:

Agus air dol a‑mach as a’ phrìosan dhaibh, chaidh iad a‑steach do thaigh Lidia: agus nuair a chunnaic iad na bràithrean, thug iad comhfhurtachd dhaibh, agus dh’imich iad romhpa.

Uime sin, a bhràithrean, iarraibh a‑mach nur measg seachdnar dhaoine fo dheagh iomradh, làn den Spiorad Naomh agus de ghliocas, a chuireas sinne os cionn an dreuchd seo.

Ach is aithne dhuibh a dhearbhadh-san, mar mhac da athair, gun do rinn e seirbhis maille riumsa anns an t‑soisgeul.

Is còir dha mar an ceudna deagh theisteas a bhith aige uapasan a tha an leth a‑muigh; air eagal gun tuit e ann an sgainneal, agus ann an ribe an diabhail.

Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoidheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd-àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair.

Mar an ceudna tha deagh obraichean cuid follaiseach ro‑làimh; agus na h‑obraichean a tha air ghleus eile, chan fhaodar am falach.

Mo gheur-leanmhainnean, m’fhulangasan a thàinig orm ann an Antioch, ann an Iconium, ann an Listra; ciod e meud nan geur-leanmhainn a ghiùlain mi: ach asda uile shaor an Tighearna mi.

Agus o bha thu ad leanabh gum b’aithne dhut na sgriobtairean naomha, a tha comasach air do dhèanamh glic a‑chum slàinte, tre an chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd.

Oir is ann tre seo a fhuair na sinnsirean deagh theisteas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan