Agus thàrladh, a’ dol dhuinne a‑chum ùrnaigh, gun do thachair oirnn banoglach àraidh aig an robh spiorad fiosachd, a thug mòr-bhuannachd da maighistirean le fiosachd a dhèanamh:
Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain-shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu bhith air ur truailleadh leo: Is mise an Tighearna ur Dia.
Agus nuair a their iad ribh, Iarraibh a‑chum nam ban-fhiosaichean, agus a‑chum nan draoidhean, muinntir a nì bìdeil agus borbhanaich; nach bu chòir do shluagh iarraidh a‑chum an Dè? An ann a dh’iarradh iad a‑chum nam marbh, an àite nam beò?
Mar seo dh’eug Saul airson a chionta a rinn e an aghaidh an Tighearna, an aghaidh facal an Tighearna nach do ghlèidh e, agus mar an ceudna a chionn gun d’iarr e bean aig an robh leannan-sìth, a dh’fhiosrachadh dhith;
An sin thubhairt Saul ra sheirbhisich, Iarraibh dhòmhsa bean aig a bheil leannan-sìdh, agus thèid mi da h‑ionnsaigh, agus fiosraichidh mi dhith. Agus thubhairt a sheirbhisich ris, Feuch, tha bean aig a bheil leannan-sìdh ann an En‑dor.
Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro-lot iad iad fhèin le iomadh cràdh.
Agus mar a chuir Iannes agus Iambres an aghaidh Mhaois, mar sin tha iadsan a’ cur an aghaidh na fìrinn: daoine aig a bheil inntinn thruaillidh, gun tuigse a‑thaobh a’ chreidimh.
Agus rinn i seo rè mòran làithean. Ach air do Phòl a bhith duilich, thionndaidh e agus thubhairt e ris an spiorad, Tha mi a’ toirt òrdaigh dhut ann an ainm Iosa Crìosd dol a‑mach aisde. Agus chaidh e a‑mach air an uair sin fhèin.
Agus air là na sàbaid chaidh sinn a‑mach as a’ bhaile ri taobh aibhne, far am b’àbhaist ùrnaigh a bhith air a dèanamh; agus air dhuinn suidhe, labhair sinn ris na mnathan a chruinnicheadh an sin.
A‑nis fhuair Samuel bàs, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ann an Ramah, na bhaile fhèin: agus chuir Saul air falbh iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr.
Agus tre shannt nì iad ceannachd oirbh le briathran mealltach: dream nach eil am breitheanas a‑nis o chian a’ dèanamh moille, agus chan eil an sgrios a’ turra-chadal.
Oir bha ceàrd-airgid àraidh dom b’ainm Demetrius ann, a bha a’ dèanamh teampaill airgid do Dhiàna, agus a thug buannachd nach bu bheag don luchd-ceàirde:
Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain-shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.
Bean no duine, mar an ceudna, aig a bheil leannan-sìdh, no a bhios ri fiosachd, cuirear gu deimhinn gu bàs iad: clachaidh iad le clachan iad; bidh am fuil orra fhèin.
Agus thug e air a mhac dol tron teine, agus rinn e fiosachd, agus ghnàthaich e draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth, agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.
Agus nuair a chunnaic a maighistirean gun d’fhalbh dòchas am buannachd, rug iad air Pòl agus air Silas, agus tharraing iad don mhargadh iad, a‑chum nan uachdaran;