Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 16:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus o sin gu Philipi, ciad bhaile na cuid sin de Mhacedònia, agus b’ùr threabhachas e: agus bha sinn a chòmhnaidh anns a’ bhaile sin làithean àraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic e an sealladh, air ball dh’iarr sinn dol thairis gu Macedònia, a’ dearbh-thuigsinn gun do ghairm an Tighearna sinn a‑chum an soisgeul a shearmonachadh dhaibh.

Agus tha iad a’ teagasg ghnàthan nach eil ceadaichte dhuinne a ghabhail no a leantainn do bhrìgh gur Ròmanaich sinn.

Agus chunnacas sealladh le Pòl anns an oidhche. Sheas duine àraidh o Mhacedònia, agus ghuidh e air, ag ràdh, Thig thairis gu Macedònia, agus cuidich leinn.

Agus nuair a thàinig Silas agus Timòteus o Mhacedònia, bha Pòl air a theannadh na spiorad, agus rinn e fianais do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa an Crìosd.

Agus nuair a choileanadh na nithean seo, chuir Pòl roimhe na spiorad, an dèidh dha imeachd tro Mhacedònia, agus Achaia, dol gu Ierusalem, ag ràdh, An dèidh dhomh a bhith an sin, is èiginn dhomh an Ròimh fhaicinn mar an ceudna.

Agus bha am baile uile air a lìonadh le mì‑riaghailt. Agus ruith iad a dh’aon toil a‑chum àite-cruinneachaidh an t‑sluaigh, a’ tarraing leo Ghaiuis agus Aristarchuis, Macedònaich, luchd co‑thurais Phòil.

Agus an dèidh don choghàir sgur, ghairm Pòl na deisciobail da ionnsaigh, agus air dha a chead a ghabhail dhiubh, thriall e gu dol do Mhacedònia.

Agus dh’fhan e an sin trì mìosan: agus nuair a bha na h‑Iùdhaich ri feall-fhalach air a shon, agus e air tì dol air luing do Shiria, chuir e roimhe tilleadh tro Mhacedònia.

Agus sheòl sinn o Philipi, an dèidh làithean an arain neo-ghortaichte, agus thàinig sinn dan ionnsaigh-san gu Tròas ann an còig làithean, far an d’fhan sinn seachdain.

Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn.

Oir bu toil leòsan ann am Macedònia, agus ann an Achaia, co‑roinn àraidh a dhèanamh ris na naoimh bhochda a tha ann an Ierusalem.

Pòl agus Timòteus, seirbhisich Iosa Crìosd, a‑chum nan naomh uile ann an Iosa Crìosd, a tha ann am Philipi, maille ris na h‑easbaigean agus ris na dèaconan:

Airson ur co‑roinn den t‑soisgeul, on chiad là gus a‑nis:

Ach fòs air dhuinn fulang roimhe, agus an dèidh ar maslachaidh ann am Philipi, mar as aithne dhuibh, bha dànachd againn nar Dia soisgeul Dhè a labhairt ribhse ann am mòr-ghleac.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan