Agus nuair a chunnaic e an sealladh, air ball dh’iarr sinn dol thairis gu Macedònia, a’ dearbh-thuigsinn gun do ghairm an Tighearna sinn a‑chum an soisgeul a shearmonachadh dhaibh.
Agus chunnacas sealladh le Pòl anns an oidhche. Sheas duine àraidh o Mhacedònia, agus ghuidh e air, ag ràdh, Thig thairis gu Macedònia, agus cuidich leinn.
Mu mheadhon-là, O rìgh, chunnaic mi air an t‑slighe solas o nèamh, a bu shoilleire na solas na grèine, a’ dealrachadh mun cuairt orm, agus orrasan a bha ag imeachd maille rium.
Agus nuair a thugadh breith sinne a sheòladh don Eadailt, thug iad Pòl thairis, maille ri prìosanaich àraidh eile, do cheannard-ceud dom b’ainm Iulius de chuideachd Augustuis.
Agus bha deisciobal àraidh ann an Damascas, dom b’ainm Ananias; agus thubhairt an Tighearna ris ann am foillseachadh, Ananiais. Agus thubhairt esan, Feuch tha mi an seo, a Thighearna.