Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 15:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh mòran deasbaireachd, dh’èirich Peadar agus thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, tha fhios agaibh o chionn fhada gun do roghnaich Dia nar measg-ne, om bheul-sa gun cluinneadh na Cinnich facal an t‑soisgeil, agus gun creideadh iad:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

A‑nis uime sin imich, agus bidh mise led bheul, agus teagaisgidh mi dhut ciod a their thu.

Agus chuir an Tighearna a‑mach a làmh, agus bhean e rim bheul; agus thubhairt an Tighearna rium, Feuch, chuir mise mo bhriathran ann ad bheul.

Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh e.

Fhreagair Eòin agus thubhairt e, Chan eil duine comasach air nì sam bith a ghabhail, mura bi e air a thoirt dha o nèamh.

Fheara agus a bhràithrean, b’èiginn an sgriobtar seo a bhith air a choileanadh, a ro‑labhair an Spiorad Naomh le beul Dhaibhidh timcheall Iùdais, a bha na cheann-iùil acasan a ghlac Iosa.

Agus rinn iad ùrnaigh, agus thubhairt iad, Thusa a Thighearna, don aithne cridheachan nan uile dhaoine, foillsich cò den dithis seo a thagh thu,

Am feadh a bha Peadar a’ smaoineachadh air an t‑sealladh, thubhairt an Spiorad ris, Feuch, tha triùir dhaoine gad iarraidh.

Uime sin èirich, agus gabh sìos, agus imich maille riu, gun amharas air bith a bhith ort: oir is mise a chuir uam iad.

Agus air dhaibh a bhith ri ministrealachd don Tighearna, agus a’ trasgadh, thubhairt an Spiorad Naomh, Cuiribh air leth dhòmhsa Barnabas agus Saul, a‑chum na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.

Chuir Simeon an cèill cionnas a dh’fhiosraich Dia na Cinnich air tùs le poball a ghabhail as am measg da ainm fhèin.

Uime sin air do Phòl agus do Bharnabas connsachadh agus deasbaireachd nach bu bheag a bhith aca riu, dh’òrdaich iad Pòl agus Barnabas, agus dream àraidh eile dhiubh fhèin, a dhol suas a‑chum nan abstol agus nan seanairean gu Ierusalem mu thimcheall na ceiste seo.

Dh’èirich uime sin connspaid eatorra cho dian is gun do sgaradh o chèile iad: agus mar sin thug Barnabas leis Marcus, agus chaidh e air luing gu Cìprus;

Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.

Agus chaidh mar an ceudna maille rinn cuid de na deisciobail o Chesarèa, a’ toirt leo Mhnasoin o Chìprus, seann deisciobal àraidh, aig an robh sinn gu bhith air aoidheachd.

Ach choilean Dia air an dòigh seo na nithean sin a ro‑fhoillsich e le beul a fhàidhean uile, gum fuilingeadh Crìosd.

A thubhairt le beul Dhaibhidh do sheirbhiseach, Carson a ghabh na Cinnich boil, agus a smaoinich an sluagh nithean dìomhain?

Ach thubhairt an Tighearna ris, Imich; oir is soitheach taghte dhòmhsa e, a‑chum m’ainm a ghiùlan am fianais nan Cinneach, agus rìghrean, agus chloinn Israeil.

Dèanaibh na h‑uile nithean gun ghearan, agus gun deasbaireachd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan