Uime sin air do Phòl agus do Bharnabas connsachadh agus deasbaireachd nach bu bheag a bhith aca riu, dh’òrdaich iad Pòl agus Barnabas, agus dream àraidh eile dhiubh fhèin, a dhol suas a‑chum nan abstol agus nan seanairean gu Ierusalem mu thimcheall na ceiste seo.
An sin chunnacas iomchaidh do na h‑abstoil, agus do na seanairean, maille ris an eaglais uile, daoine taghte dhiubh fhèin a chur gu Antioch, maille ri Pòl agus Barnabas; eadhon, Iùdas don co‑ainm Barsabas, agus Silas, daoine inbheach am measg nam bràithrean:
Chunnacas iomchaidh dhuinn, air dhuinn a bhith cruinn a dh’aon toil, daoine taghte a chur dur n‑ionnsaigh-se, maille ri ar bràithrean gràdhach Barnabas agus Pòl;
Agus nuair a thàinig iad gu Ierusalem, ghabhadh riu leis an eaglais, agus na h‑abstoil, agus na seanairean, agus dh’innis iad meud nan nithean a rinn Dia leòsan.
Agus mar a shiubhail iad tro na bailtean, thug iad dhaibh na h‑òrdaighean rin coimhead, a dh’òrdaicheadh leis na h‑abstoil agus na seanairean a bha ann an Ierusalem.
An sin ghairm an dà‑fhear-dheug mòr-chuideachd nan deisciobal dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Chan eil e iomchaidh sinne a dh’fhàgail facal Dhè, agus a fhrithealadh do bhùird.
Bithibh umhail dur cinn-iùil, agus thugaibh gèill dhaibh: oir tha iad ri faire air ur n‑anaman, mar mhuinntir don èiginn cunntas a thoirt uapa, a‑chum gun dèan iad e le gàirdeachas, agus chan ann le doilgheas: oir tha seo neo-thairbheach dhuibhse.