Agus mar a shiubhail iad tro na bailtean, thug iad dhaibh na h‑òrdaighean rin coimhead, a dh’òrdaicheadh leis na h‑abstoil agus na seanairean a bha ann an Ierusalem.
An sin ghairm an dà‑fhear-dheug mòr-chuideachd nan deisciobal dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Chan eil e iomchaidh sinne a dh’fhàgail facal Dhè, agus a fhrithealadh do bhùird.
A‑nis chaidh iadsan a sgapadh a‑mach leis an àmhghar a dh’èirich airson Stèphein gu ruig Phenice, agus Cìprus, agus Antioch, gun am facal a labhairt ri aon neach ach ris na h‑Iùdhaich a‑mhàin.
Agus bha cuid dhiubh o Chìprus, agus o Chirène, dream air dhaibh dol a‑steach do Antioch, a labhair ris na Greugaich, a’ searmonachadh an Tighearna Iosa.
An sin chunnacas iomchaidh do na h‑abstoil, agus do na seanairean, maille ris an eaglais uile, daoine taghte dhiubh fhèin a chur gu Antioch, maille ri Pòl agus Barnabas; eadhon, Iùdas don co‑ainm Barsabas, agus Silas, daoine inbheach am measg nam bràithrean: