Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 15:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin air do Phòl agus do Bharnabas connsachadh agus deasbaireachd nach bu bheag a bhith aca riu, dh’òrdaich iad Pòl agus Barnabas, agus dream àraidh eile dhiubh fhèin, a dhol suas a‑chum nan abstol agus nan seanairean gu Ierusalem mu thimcheall na ceiste seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Ma nì thu an nì seo, agus gun àithn Dia sin dhut, an sin is urrainn thu seasamh ris, agus mar an ceudna thèid an sluagh seo uile dan àite fhèin ann an sìth.

An sin ghairm e a‑steach iad, agus thug e aoidheachd dhaibh. Agus air an là màireach dh’imich Peadar maille riu, agus chaidh dream àraidh de na bràithrean o Iopa maille ris.

Agus thubhairt an Spiorad rium dol maille riu, gun amharas air bith a bhith orm. Agus chaidh mar an ceudna an t‑sianar bhràithrean seo maille rium, agus chaidh sinn a‑steach do thaigh an duine:

Nì mar an ceudna a rinn iad, agus chuir iad e a‑chum nan seanairean le làimh Bharnabais agus Shauil.

Chunnacas iomchaidh dhuinn, air dhuinn a bhith cruinn a dh’aon toil, daoine taghte a chur dur n‑ionnsaigh-se, maille ri ar bràithrean gràdhach Barnabas agus Pòl;

Chuir sinn uime sin Iùdas agus Silas uainn, a dh’innseas dhuibh na nithean ceudna le cainnt bheòil.

Agus nuair a thàinig iad gu Ierusalem, ghabhadh riu leis an eaglais, agus na h‑abstoil, agus na seanairean, agus dh’innis iad meud nan nithean a rinn Dia leòsan.

Agus mar a shiubhail iad tro na bailtean, thug iad dhaibh na h‑òrdaighean rin coimhead, a dh’òrdaicheadh leis na h‑abstoil agus na seanairean a bha ann an Ierusalem.

Agus air an ath là, chaidh Pòl maille rinn a dh’ionnsaigh Sheumais; agus bha na seanairean uile an làthair.

Pòl, a ghairmeadh gu bhith na abstol do Iosa Crìosd, tre thoil Dhè, agus Sostenes ar bràthair,

Oir is i mo bharail-sa nach robh mi a’ bheag goirid air na h‑abstoil a b’àirde.

Do nach do ghèill sinn eadhon rè uaire; a‑chum gum buanaicheadh fìrinn an t‑soisgeil maille ribhse.

A mhuinntir ionmhainn, air dhomh an uile dhìcheall a dhèanamh a‑chum sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh mu thimcheall na slàinte coitchinn, b’fheumail dhomh sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur n‑earalachadh sibh a chathachadh gu dìcheallach airson a’ chreidimh a thugadh aon uair do na naoimh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd ri guth an t‑sluaigh anns gach nì a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a‑chum nach rìoghaichinn os an cionn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan