Agus bha, mar an ceudna, mnathan am fad uapa ag amharc: nam measg sin bha Muire Magdalen, agus Muire, màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme;
Ach air dhàsan smèideadh orra le a làimh iad a bhith nan tosd, chuir e an cèill dhaibh cionnas a thug an Tighearna as a’ phrìosan e. Agus thubhairt e, Innsibh na nithean seo do Sheumas agus do na bràithrean. Agus air dol a‑mach dha, chaidh e gu àit eile.
Ach air seasamh do Pheadar maille ris an aon-fhear-deug, thog e a ghuth, agus thubhairt e riu, Fheara Iudèa, agus sibhse uile a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, biodh fhios seo agaibh, agus èisdibh rim bhriathran-sa:
Fheara Israeil, èisdibh ris na briathran seo: Iosa o Nàsaret, duine a dhearbhadh le Dia nur measg-se, le cumhachdan agus le mìorbhailean agus le comharraidhean, a rinn Dia leis-san nur meadhon-se, mar tha fhios agaibh fhèin:
Fheara agus a bhràithrean, leigibh leam labhairt gu dàna ribh mun phrìomh-athair Daibhidh, araon gun d’fhuair e bàs, agus gun d’adhlaiceadh e, agus gu bheil a uaigh maille rinn gus an là‑an‑diugh.
Agus thubhairt esan, Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh. Dh’fhoillsicheadh Dia na glòire dar n‑athair Abrahàm, nuair a bha e ann am Mesopotàmia, mun do ghabh e còmhnaidh ann an Haran.
Oir ro do dhream àraidh teachd o Sheumas, dh’ith e biadh maille ris na Cinnich, ach nuair a thàinig iadsan, chaidh e a thaobh, agus thearbaidh e e fhèin, air eagal na muinntir a bha den timcheall-ghearradh.
Agus nuair a thuig Seumas, agus Cèphas, agus Eòin, a tha air am meas nam puist, an gràs a thugadh dhomh, thug iad dhòmhsa agus do Bharnabas deaslàmh a’ chomainn; a‑chum gun rachamaid a‑chum nan Cinneach, agus iad fhèin a‑chum an timcheall-ghearraidh.