Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 15:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus theagaisg dream àraidh, a thàinig a‑nuas o Iudèa, na bràithrean, ag ràdh, Mura timcheall-ghearrar sibh a rèir gnàth Mhaois, chan eil e an comas dhuibh a bhith air ur tèarnadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus air an ochdamh là timcheall-ghearrar feòil a ro‑chraicinn-san.

Thug Maois dhuibh an timcheall-ghearradh (chan e gur ann o Mhaois a tha e, ach o na h‑athraichean), agus timcheall-ghearraidh sibhse duine air an t‑sàbaid.

Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).

An sin chunnacas iomchaidh do na h‑abstoil, agus do na seanairean, maille ris an eaglais uile, daoine taghte dhiubh fhèin a chur gu Antioch, maille ri Pòl agus Barnabas; eadhon, Iùdas don co‑ainm Barsabas, agus Silas, daoine inbheach am measg nam bràithrean:

Agus sgrìobh iad litrichean leo air an dòigh seo, Tha na h‑abstoil, agus na seanairean, agus na bràithrean, a’ cur beannachd a‑chum nam bràithrean de na Cinnich a tha ann an Antioch, agus ann an Siria, agus ann an Cilicia:

Do bhrìgh gun cuala sinne gun do chuir dream àraidh a chaidh uainne mì‑shuaimhneas oirbh le briathran, ag atharrachadh ur n‑inntinn, ag ràdh gur còir dhuibh a bhith air ur timcheall-ghearradh, agus an lagh a choimhead; do nach tug sinne a leithid sin a dh’àithne:

Agus air dhaibh a bhith air an toirt air an aghaidh leis an eaglais, chaidh iad tro Phenice, agus Shamaria, a’ cur an cèill iompachadh nan Cinneach: agus thug iad aoibhneas mòr do na bràithrean uile.

Agus air a bhith do Iùdas agus do Shilas nam fàidhean iad fhèin, le mòran bhriathran dh’earalaich agus neartaich iad na bràithrean.

Ach dh’èirich dream àraidh de bharail nam Pharasach a bha nan creidmhich, ag ràdh gur còir an timcheall-ghearradh, agus ag àithneadh dhaibh lagh Mhaois a choimhead.

Agus nuair a chuala iadsan seo, thug iad glòir don Tighearna, agus thubhairt iad ris-san, Tha thu a’ faicinn, a bhràthair, cia lìon mìle de na h‑Iùdhaich a tha a’ creidsinn; agus tha iad uile ro‑eudmhor mun lagh.

Oir chuala sinn e ag ràdh gun sgrios an t‑Iosa seo o Nàsaret an t‑àite seo, agus gun atharraich e na gnàthan a thug Maois dhuinne.

An sin, an ceann ceithir-bliadhna-deug, chaidh mi a‑rìs suas gu Ierusalem, maille ri Barnabas, a’ toirt Thìtuis leam mar an ceudna.

Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh.

A mheud lem miann iad fhèin a thaisbeanadh gu sgiamhach anns an fheòil, tha iad gur n‑èigneachadh gu bhith air ur timcheall-ghearradh; a‑mhàin a‑chum nach dèante geur-leanmhainn orra airson crann-ceusaidh Chrìosd.

Uime sin na tugadh aon neach breith oirbh airson bìdh, no dibhe, no a‑thaobh là fèille, no gealaich nuaidh, no shàbaidean:

Thugaibh an aire nach dèan neach air bith fòirneart oirbh tre fheallsanachd agus mealltaireachd dhìomhain, a rèir beul-aithris dhaoine, a rèir ciad-thoiseachan an t‑saoghail, agus chan ann a rèir Chrìosd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan