Gnìomharan 14:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a thugadh ionnsaigh araon leis na Cinnich, agus mar an ceudna leis na h‑Iùdhaich, maille rin uachdarain, a‑chum iadsan a mhaslachadh agus a chlachadh; Faic an caibideil |
Ach air do na h‑Iùdhaich mhì-chreidmheach a bhith air am brosnachadh le eud, ghabh iad dan ionnsaigh droch dhaoine àraidh de na corraibh-margaidh, agus air tional cuideachd mhòir dhiubh, chuir iad am baile uile thar a chèile, agus chuartaich iad taigh Iàsoin, agus dh’iarr iad an toirt a‑mach a‑chum an t‑sluaigh.
Ann an turasan gu minig, ann an gàbhadh aibhnichean, ann an cunnartan fhear-reubainn, ann an cunnartan om chinneach fhèin, ann an cunnartan o na Cinnich, ann an cunnartan anns a’ bhaile, ann an cunnartan anns an fhàsach, ann an cunnartan anns an fhairge, ann an cunnartan am measg bhràithrean breugach;