Oir tha am mac a’ toirt eas-onoir don athair; tha an nighean ag èirigh suas an aghaidh a màthar, bean a’ mhic an aghaidh a màthar-chèile: is iad naimhdean duine muinntir a thaighe fhèin.
Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar:
Agus air dhaibh a bhith ri ministrealachd don Tighearna, agus a’ trasgadh, thubhairt an Spiorad Naomh, Cuiribh air leth dhòmhsa Barnabas agus Saul, a‑chum na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.
Ach nuair a chunnaic na h‑Iùdhaich na slòigh, lìonadh iad le eud, agus labhair iad an aghaidh nan nithean sin a labhradh le Pòl, a’ labhairt nan aghaidh agus a’ tabhairt toibheim.
Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich na mnathan cràbhach agus urramach, agus daoine uaisle na cathrach, agus thog iad geur-leanmhainn an aghaidh Phòil agus Bharnabais, agus thilg iad a‑mach as an crìochan iad.
Agus thàinig Iùdhaich o Antioch agus o Iconium, agus chomhairlich iad an sluagh, agus air dhaibh Pòl a chlachadh, tharraing iad a‑mach as a’ bhaile e, a’ saoilsinn gu robh e marbh.
Agus nuair a thugadh ionnsaigh araon leis na Cinnich, agus mar an ceudna leis na h‑Iùdhaich, maille rin uachdarain, a‑chum iadsan a mhaslachadh agus a chlachadh;
Ach nuair a chruadhaicheadh cuid, agus nach do chreid iad, ach a labhair iad olc mun t‑slighe sin an làthair an t‑sluaigh, dh’fhàg e iad agus sgar e na deisciobail uapa, agus bha e gach là a’ deasbaireachd ann an sgoil neach àraidh dom b’ainm Tirannus.
Oir rinneadh sibhse, a bhràithrean, nur luchd-leanmhainn air eaglaisean Dhè, ann an Iudèa, a tha ann an Iosa Crìosd: oir dh’fhuiling sibh na nithean ceudna o ur luchd-dùthcha fhèin, mar a dh’fhuiling iadsan o na h‑Iùdhaich: