Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 14:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh ann an Iconium gun deachaidh iad araon a‑steach do shionagog nan Iùdhach, agus gun do labhair iad air chor is gun do chreid cuideachd mhòr de na h‑Iùdhaich, agus mar an ceudna de na Greugaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

(Agus bu bhana-Ghreugach a’ bhean, ban-Shirophenìseach a‑thaobh cinnich); agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach as a nighinn.

Agus bha Greugaich àraidh am measg na muinntir a chaidh suas a‑chum adhradh a dhèanamh aig an fhèill:

An sin thubhairt na h‑Iùdhaich eatorra fhèin, Càit an tèid am fear seo, nach faigh sinn e? An tèid e a‑chum na muinntir a tha air an sgapadh am measg nan Greugach, agus an teagaisg e na Greugaich?

Agus bha làmh an Tighearna maille riu: agus chreid àireamh mhòr, agus thill iad a‑chum an Tighearna.

A‑nis nuair a sgaoil an coitheanal, lean mòran de na h‑Iùdhaich agus de na proselitich chràbhach Pòl agus Barnabas: agus labhair iadsan riu, agus chuir iad impidh orra buanachadh ann an gràs Dhè.

An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.

Agus air dhaibh a bhith ann an Salamis, shearmonaich iad facal Dhè ann an sionagogan nan Iùdhach: agus bha mar an ceudna Eòin aca mar fhear-frithealaidh.

Ach chrath iadsan duslach an cas dhiubh nan aghaidh, agus thàinig iad gu Iconium.

Agus thàinig Iùdhaich o Antioch agus o Iconium, agus chomhairlich iad an sluagh, agus air dhaibh Pòl a chlachadh, tharraing iad a‑mach as a’ bhaile e, a’ saoilsinn gu robh e marbh.

Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich mhì-chreidmheach, agus lìon iad de dhroch rùn, inntinn nan Cinneach an aghaidh nam bràithrean.

Agus nuair a shearmonaich iad an soisgeul don bhaile sin, agus a rinn iad mòran dheisciobal, thill iad gu Listra, agus Iconium, agus Antioch,

An sin thàinig e gu Derbe agus Listra: agus, feuch, bha deisciobal àraidh an sin, dom b’ainm Timòteus, mac mnà àraidh den chinneach Iùdhach a bha na creidmheach; ach bu Ghreugach a b’athair dha:

A bha fo dheagh ainm aig na bràithrean a bha ann an Listra agus ann an Iconium.

Uime sin chreid mòran dhiubh: agus mar an ceudna de mhnathan uaisle de na Greugaich, agus de fhir, àireamh nach bu bheag.

Air an adhbhar sin rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich, agus ris na daoine cràbhach anns an t‑sionagog, agus air a’ mhargadh gach là riùsan a thachair air.

Agus chreid cuid dhiubh, agus lean iad ri Pòl agus ri Silas: agus de na Greugaich chràbhach buidheann mhòr, agus de na mnathan inbheach, àireamh nach bu bheag.

Agus thagair e anns an t‑sionagog gach aon là sàbaid, agus chuir e impidh air Iùdhaich agus Greugaich.

Agus chreid Crispus, prìomh-uachdaran an t‑sionagoig, anns an Tighearna, maille ra theaghlach uile: agus chreid mòran de na Corintianaich, air dhaibh èisdeachd ris, agus bhaisteadh iad.

Agus rinneadh seo rè dà bhliadhna: air chor is gun cuala luchd-àiteachaidh na h‑Asia uile, eadar Iùdhaich agus Ghreugaich, facal an Tighearna Iosa.

Agus fhuair na h‑Iùdhaich uile agus mar an ceudna na Greugaich a bha a’ tàmh ann an Ephesus fios air seo; agus thuit eagal orra uile, agus bha ainm an Tighearna Iosa air àrdachadh.

Agus chaidh esan a‑steach don t‑sionagog, agus labhair e gu dàn rè trì mìosan, a’ deasbaireachd agus a’ comhairleachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè.

A’ moladh Dhè, agus deagh-ghean aca on t‑sluagh uile. Agus chuir an Tighearna gach là ris an eaglais an dream a thèarnar.

A’ dèanamh fianais araon do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich, mu aithreachas a‑thaobh Dhè, agus mu chreideamh a‑thaobh ar Tighearna Iosa Crìosd.

Ag èigheach, Fheara Israeil, cuidichibh: is e seo an duine a tha a’ teagasg nan uile dhaoine anns gach àit an aghaidh a’ phobaill, agus an lagha, agus an àite seo: agus os bàrr, thug e a‑steach Greugaich don teampall, agus shalaich e an t‑ionad naomh seo.

Agus air ball shearmonaich e Iosa anns na sionagogan, gur esan Mac Dhè.

Oir cha nàir leamsa soisgeul Chrìosd: oir is e cumhachd Dhè e a‑chum slàinte do gach neach a chreideas, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach.

Oir chan eil eadar-dhealachadh eadar an t‑Iùdhach agus an Greugach: oir an aon Tighearna a tha os cionn nan uile, tha e saoibhir do na h‑uile a ghairmeas air.

Ach cha b’èiginn do Thìtus fhèin, a bha am chuideachd, a bhith air a thimcheall-ghearradh, ged bu Ghreugach e:

Chan eil Iùdhach no Greugach, chan eil saor no daor, chan eil fireann no boireann ann; oir is aon sibh uile ann an Iosa Crìosd.

Far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall-ghearradh, no neo-thimcheall-ghearradh, duine borb, Sitianach, daor no saor: ach is e Crìosd na h‑uile, agus anns na h‑uile.

Mo gheur-leanmhainnean, m’fhulangasan a thàinig orm ann an Antioch, ann an Iconium, ann an Listra; ciod e meud nan geur-leanmhainn a ghiùlain mi: ach asda uile shaor an Tighearna mi.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan