Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 13:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Neach a bha maille ri Sergius Paulus an t‑uachdaran, duine tuigseach; air dhàsan Barnabas agus Saul a ghairm da ionnsaigh, dh’iarr e facal Dhè a chluinntinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Creididh an duine baoghalta gach facal; ach bheir an duine ciallach an aire da cheum.

Sealbhaichidh daoine baoghalta amaideachd mar oighreachd; ach crùnar na daoine ciallach le eòlas.

Is e gliocas an duine chiallaich a shlighe a thuigsinn; ach is cealg amaideachd nan amadan.

Gheibh cridhe an duine chrìonna eòlas; agus iarraidh cluas nan daoine glice eòlas.

Cò a tha glic, agus tuigidh esan na nithean seo? Crìonna, agus aithnichidh e iad? Oir tha slighean an Tighearna ceart, agus gluaisidh na fìreanan annta: ach gheibh na ciontaich tuisleadh annta.

An sin nuair a chunnaic an t‑uachdaran an nì a rinneadh, chreid e, air dha a bhith làn iongantais mu theagasg an Tighearna.

Ach chuir Elimas an draoidh (oir is ann mar seo a dh’eadar-theangaichear a ainm) nan aghaidh, ag iarraidh an t‑uachdaran a thionndadh on chreideamh.

Agus nuair a bha Galio na uachdaran air Achaia, dh’èirich na h‑Iùdhaich a dh’aon inntinn an aghaidh Phòil, agus thug iad e gu cathair a’ bhreitheanais;

Uime sin ma tha aig Demetrius agus aig an luchd-ceàird a tha maille ris, cùis an aghaidh neach air bith, tha an lagh rèidh dhaibh, agus tha uachdarain ann; agradh iad a chèile.

Dearbhaibh na h‑uile nithean: cumaibh gu daingeann an nì sin a tha math.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan