Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 13:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dhaibh a bhith ann an Salamis, shearmonaich iad facal Dhè ann an sionagogan nan Iùdhach: agus bha mar an ceudna Eòin aca mar fhear-frithealaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus thill e uaithe, agus ghabh e cuing dhamh, agus mharbh e iad, agus le acfhainn nan damh bhruith e am feòil, agus thug e don t‑sluagh i, agus dh’ith iad. An sin dh’èirich e, agus chaidh e an dèidh Eliah, agus fhritheil e dha.

Agus bha eagal air, agus dh’èirich e, agus dh’fhalbh e air sgàth a anama, agus thàinig e gu Beer-sèba a bhuineas do Iùdah, agus dh’fhàg e a òglach an sin.

Agus thubhairt Iehosaphat, Nach eil an seo fàidh leis an Tighearna, a‑chum gum fiosraich sinn den Tighearna leis? Agus fhreagair aon de sheirbhisich rìgh Israeil, agus thubhairt e, Tha an seo Elisa mac Shaphait, a thaom uisge air làmhan Eliah.

Agus dh’èirich Maois suas, agus Iosua a òglach: agus chaidh Maois suas do shliabh Dhè.

Ach mar sin cha bhi e nur measg-se: ach ge bè neach lem b’àill a bhith mòr nur measg, biodh e dhuibh na fhear-frithealaidh.

Agus nuair a smaoinich e air a’ chùis, thàinig e gu taigh Mhuire, màthair Eòin, don co‑ainm Marcus, far an robh mòran cruinn, agus iad ri ùrnaigh.

Agus thill Barnabas agus Saul o Ierusalem, air dhaibh am ministrealachd a choileanadh, a’ toirt leo mar an ceudna Eòin, don co‑ainm Marcus.

Ach air dhaibhsan imeachd o Pherga, thàinig iad gu Antioch na Pisidia, agus chaidh iad a‑steach don t‑sionagog air là na sàbaid, agus shuidh iad.

An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.

Agus thàrladh ann an Iconium gun deachaidh iad araon a‑steach do shionagog nan Iùdhach, agus gun do labhair iad air chor is gun do chreid cuideachd mhòr de na h‑Iùdhaich, agus mar an ceudna de na Greugaich.

Agus b’àill le Barnabas iad a thoirt Eòin, don co‑ainm Marcus, leo.

Air an adhbhar sin rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich, agus ris na daoine cràbhach anns an t‑sionagog, agus air a’ mhargadh gach là riùsan a thachair air.

Agus thagair e anns an t‑sionagog gach aon là sàbaid, agus chuir e impidh air Iùdhaich agus Greugaich.

Agus air dha dithis dhiubhsan a bha a’ frithealadh dha, Timòteus, agus Erastus, a chur do Mhacedònia, dh’fhan e fhèin rè tamaill an Asia.

Agus bha am baile uile air a lìonadh le mì‑riaghailt. Agus ruith iad a dh’aon toil a‑chum àite-cruinneachaidh an t‑sluaigh, a’ tarraing leo Ghaiuis agus Aristarchuis, Macedònaich, luchd co‑thurais Phòil.

Agus chaidh esan a‑steach don t‑sionagog, agus labhair e gu dàn rè trì mìosan, a’ deasbaireachd agus a’ comhairleachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè.

Agus air ball shearmonaich e Iosa anns na sionagogan, gur esan Mac Dhè.

Tha Aristarchus mo cho-phrìosanach a’ cur fàilte oirbh, agus Marcus, mac peathar do Bharnabas (mun d’fhuair sibh àitheantan; ma thig e dur n‑ionnsaigh, gabhaibh ris);

Tha Lùcas na aonar maille rium. Gabh Marcus agus thoir leat e: oir tha e feumail dhòmhsa a‑chum na ministrealachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan