Agus nuair a chaidh na h‑Iùdhaich a‑mach as an t‑sionagog, ghuidh na Cinnich gun rachadh na briathran seo a labhairt riu fhèin air an t‑sàbaid na dhèidh sin.
Chan ann gu mòran shluagh, aig a bheil teanga choimheach, agus cainnt chruaidh, nach urrainn thu am briathran a thuigsinn: gu cinnteach nan cuirinn dan ionnsaigh-san thu, dh’èisdeadh iad riut.
Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac-aodach agus an luaithre.
Nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, feuch, thàinig uachdaran àraidh, agus thug e adhradh dha, ag ràdh, Fhuair mo nighean bàs air ball: ach thig-sa, agus cuir do làmh oirre, agus bidh i beò.
Uime sin chuir mi air ball fios ort; agus is math a rinn thu teachd. Air an adhbhar sin tha sinne uile an seo an làthair ann am fianais Dhè, a dh’èisdeachd nan uile nithean a tha air an àithneadh dhutsa le Dia.