Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 13:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar sin air dhaibhsan a bhith air an cur a‑mach leis an Spiorad Naomh, chaidh iad sìos gu Seleucia; agus o sin sheòl iad gu Cìprus.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

A‑nis chaidh iadsan a sgapadh a‑mach leis an àmhghar a dh’èirich airson Stèphein gu ruig Phenice, agus Cìprus, agus Antioch, gun am facal a labhairt ri aon neach ach ris na h‑Iùdhaich a‑mhàin.

Agus air dhaibh a bhith ri ministrealachd don Tighearna, agus a’ trasgadh, thubhairt an Spiorad Naomh, Cuiribh air leth dhòmhsa Barnabas agus Saul, a‑chum na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.

An sin air dhaibh trasgadh, agus ùrnaigh a dhèanamh, agus an làmhan a chur orra, leig iad uapa iad.

Agus an dèidh làithean àraidh, thubhairt Pòl ri Barnabas, Tilleamaid agus faiceamaid ar bràithrean anns gach baile anns an do shearmonaich sinn facal an Tighearna, cionnas a tha iad.

Ach a‑mhàin gu bheil an Spiorad Naomh a’ dèanamh fianais anns gach baile, ag ràdh gu bheil gèimhlean agus trioblaidean a’ feitheamh orm.

Agus air dhuinn stiùradh as a sin, sheòl sinn fo Chìprus, a chionn gu robh na gaothan nar n‑aghaidh.

Agus air do fhearann a bhith aig Ioses den do ghoireadh leis na h‑abstoil Barnabas (is e sin, air eadar-theangachadh, Mac na Comhfhurtachd), Lèbhitheach, dom bu dùthaich Cìprus;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan