Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 13:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin air dhaibh trasgadh, agus ùrnaigh a dhèanamh, agus an làmhan a chur orra, leig iad uapa iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus chuir e a làmhan air, agus thug e àithne dha, mar a labhair an Tighearna le làimh Mhaois.

Agus bu bhantrach i mu thimcheall ceithir bliadhna agus ceithir-fichead a dh’aois nach deachaidh on teampall, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche le trasg agus le ùrnaigh.

Agus rinn iad ùrnaigh, agus thubhairt iad, Thusa a Thighearna, don aithne cridheachan nan uile dhaoine, foillsich cò den dithis seo a thagh thu,

Agus air dhaibh a bhith ri ministrealachd don Tighearna, agus a’ trasgadh, thubhairt an Spiorad Naomh, Cuiribh air leth dhòmhsa Barnabas agus Saul, a‑chum na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.

Mar sin air dhaibhsan a bhith air an cur a‑mach leis an Spiorad Naomh, chaidh iad sìos gu Seleucia; agus o sin sheòl iad gu Cìprus.

Agus nuair a dh’òrdaich iad seanairean dhaibh anns gach eaglais, agus a rinn iad ùrnaigh maille ri trasgadh, dh’earb iad iad ris an Tighearna, anns an do chreid iad.

Agus sheòl iad as a sin gu Antioch, an t‑àit on d’earbadh iad ri gràs Dhè, a‑chum na h‑obrach a choilean iad.

Ach thagh Pòl Silas, agus dh’imich e, air dha a bhith air earbsa ri gràs Dhè leis na bràithrean.

Chuir iad iadsan an làthair nan abstol: agus air dèanamh ùrnaigh dhaibh, chuir iad an làmhan orra.

Agus dh’imich Ananias, agus chaidh e a‑steach don taigh; agus chuir e a làmhan air, agus thubhairt e, A Shauil, a bhràthair, chuir an Tighearna (eadhon Iosa a dh’fhoillsicheadh dhutsa anns an t‑slighe air an tàinig thu), mise a‑chum gum faigheadh tu do fhradharc, agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.

Agus cionnas a nì iad searmoin, mura cuirear iad? Mar a tha e sgrìobhte, Cia sgiamhach casan na muinntir sin a tha a’ searmonachadh soisgeul na sìthe, a tha a’ toirt sgeòil aoibhnich air nithean matha!

Na dearmad an tìodhlac a tha annad, a thugadh dhut tre fhàidheadaireachd, maille ri leagadh làmhan na seanaireachd ort.

Na leag do làmhan gu h‑obann air duine sam bith, agus na biodh com-pàirt agad de pheacaidhean dhaoine eile: coimhead thu fhèin glan.

Air an adhbhar seo tha mi a’ cur an cuimhne dhut, thu a dh’ath-bheothachadh tìodhlac Dhè, a tha annad tre chur mo làmh-sa ort.

Agus na nithean a chuala tu uamsa am measg mòran fhianaisean, earb thusa na nithean sin fhèin ri daoine fìrinneach, a bhios iomchaidh daoine eile a theagasg mar an ceudna.

Muinntir a rinn fianais air do ghràdh an làthair na h‑eaglais: ma bheir thu air an aghaidh iad nan slighe mar as cubhaidh do Dhia, is math a nì thu:

Uime sin tha e mar fhiachan oirnne gabhail rin leithidean sin, a‑chum gum bitheamaid nar co‑shaothraichean don fhìrinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan