Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.
Agus nuair a chaidh na h‑Iùdhaich a‑mach as an t‑sionagog, ghuidh na Cinnich gun rachadh na briathran seo a labhairt riu fhèin air an t‑sàbaid na dhèidh sin.
An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.
Agus air dhaibh a bhith ann an Salamis, shearmonaich iad facal Dhè ann an sionagogan nan Iùdhach: agus bha mar an ceudna Eòin aca mar fhear-frithealaidh.
Agus thàinig Iùdhaich o Antioch agus o Iconium, agus chomhairlich iad an sluagh, agus air dhaibh Pòl a chlachadh, tharraing iad a‑mach as a’ bhaile e, a’ saoilsinn gu robh e marbh.
Agus air là na sàbaid chaidh sinn a‑mach as a’ bhaile ri taobh aibhne, far am b’àbhaist ùrnaigh a bhith air a dèanamh; agus air dhuinn suidhe, labhair sinn ris na mnathan a chruinnicheadh an sin.
Agus chaidh esan a‑steach don t‑sionagog, agus labhair e gu dàn rè trì mìosan, a’ deasbaireachd agus a’ comhairleachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè.
Mo gheur-leanmhainnean, m’fhulangasan a thàinig orm ann an Antioch, ann an Iconium, ann an Listra; ciod e meud nan geur-leanmhainn a ghiùlain mi: ach asda uile shaor an Tighearna mi.