Agus chaidh e a‑mach, agus lean e e; agus cha robh fhios aige gu robh e fìor, an nì a rinneadh leis an aingeal: ach shaoil e gum bu taisbeanadh a chunnaic e.
Agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Tha Iòseph fhathast beò, agus tha e na uachdaran air tìr na h‑Eiphit uile. Agus dh’fhannaich cridhe Iàcoib, oir cha do chreid e iad.
A‑nis nuair a bha Peadar fo amharas ann fhèin ciod a bu chiall don t‑sealladh a chunnaic e, feuch, bha na daoine a chuireadh o Chornelius, an dèidh dhaibh taigh Shìmoin iarraidh, nan seasamh aig an doras,
Chunnaic e ann an sealladh gu soilleir, mu thimcheall na naoidheamh uaire den là, aingeal Dhè a’ teachd a‑steach da ionnsaigh, agus ag ràdh, A Chorneliuis.
Bha mi ann am baile Iopa ri ùrnaigh; agus ann an neul chunnaic mi sealladh, soitheach àraidh a’ teachd a‑nuas, mar bhraith-lìn mhòir, air a leigeadh a‑nuas o nèamh air a ceithir oisnean; agus thàinig i am ionnsaigh-sa.
Agus thubhairt an t‑aingeal ris, Crioslaich thu fhèin, agus ceangail ort do bhonn-bhrògan: agus rinn e mar sin. Agus thubhairt e ris, Tilg d’fhallaing umad, agus lean mise.
Agus bha deisciobal àraidh ann an Damascas, dom b’ainm Ananias; agus thubhairt an Tighearna ris ann am foillseachadh, Ananiais. Agus thubhairt esan, Feuch tha mi an seo, a Thighearna.
Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.