Agus nuair a chunnaic e gun do thaitinn sin ris na h‑Iùdhaich, chaidh e air aghaidh a ghlacadh Pheadair mar an ceudna. (Agus b’iad làithean an arain neo-ghortaichte a bha ann.)
Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut, anns an àm shuidhichte den mhìos Abib; oir anns a’ mhìos sin thàinig thu a‑mach as an Eiphit: agus cha tig neach air bith am làthair-sa falamh:
Agus air a’ chiad là de fhèill an arain neo-ghortaichte, thàinig na deisciobail a‑chum Iosa, ag ràdh ris, Càit an àill leat sinne a dh’ullachadh dhut, a‑chum gun ith thu a’ chàisg?
Fhreagair Iosa, Cha bhiodh cumhachd air bith agad am aghaidh-sa, mura tugte dhut on àirde e; air an adhbhar sin an tì a thug mise thairis dhut, tha aigesan am peacadh as mò.
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, nuair a bha thu òg, chrioslaich thu thu fhèin, agus dh’imich thu an taobh a bu mhiann leat: ach nuair a bhios tu aosmhor, sìnidh tu a‑mach do làmhan, agus crioslaichidh neach eile thu, agus bheir e thu an taobh nach àill leat.
Agus ghlac e agus chuir e ann am prìosan e, agus thug e e ra ghleidheadh do cheithir cheathrar shaighdearan, fo rùn a thoirt a‑mach don t‑sluagh an dèidh na càisge.
Ach air seasamh do Pheadar maille ris an aon-fhear-deug, thog e a ghuth, agus thubhairt e riu, Fheara Iudèa, agus sibhse uile a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, biodh fhios seo agaibh, agus èisdibh rim bhriathran-sa:
Agus sheòl sinn o Philipi, an dèidh làithean an arain neo-ghortaichte, agus thàinig sinn dan ionnsaigh-san gu Tròas ann an còig làithean, far an d’fhan sinn seachdain.
Ach air do dhà bhliadhna a bhith air an coileanadh, thàinig Porcius Festus an àite Fhelics; agus air do Fhelics a bhith toileach comain a chur air na h‑Iùdhaich, dh’fhàg e Pòl ceangailte.
Ach air a bhith do Fhestus togarrach air toileachas-inntinn a thoirt do na h‑Iùdhaich, fhreagair e Pòl, agus thubhairt e, An àill leat dol suas gu Ierusalem, agus an sin dol fo bhreitheanas a‑thaobh nan nithean sin nam làthair-sa?
A‑nis nuair a chunnaic iad dànachd Pheadair agus Eòin, agus a thuig iad gum bu daoine gun fhòghlam agus cumanta iad, ghabh iad iongantas; agus dh’aithnich iad iad gu robh iadsan maille ri Iosa.
Oir a bheil mi a‑nis a’ cur impidh air daoine, no air Dia? No a bheil mi ag iarraidh daoine a thoileachadh? Oir nam bithinn fhathast a’ toileachadh dhaoine, cha bhithinn am sheirbhiseach aig Crìosd.
Ach mar a mheasadh sinn le Dia iomchaidh gum biodh an soisgeul air earbsa rinn, is amhail sin a labhramaid, chan ann mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach Dhè, a tha a’ dearbhadh ar cridheachan.