Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 12:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air là òrdaichte, air do Herod a bhith air a sgeadachadh le aodach rìoghail, agus na shuidhe air a rìgh-chathair, labhair e gu deas-bhriathrach riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus shuidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, gach fear air a rìgh-chathair fhèin, len earradh rìoghail orra, ann an àite rèidh, ann an dol a‑steach geata Shamaria, agus na fàidhean uile ri fàidheadaireachd nam fianais.

Tha fuaim eagalach na chluasan: na shoirbheachadh thig am fear-millidh air.

Ro sgrios bidh cridhe duine uaibhreach, agus ro urram bidh irioslachd.

Air an adhbhar sin mheudaich an uaigh a cìocras, agus dh’fhosgail i a beul thar tomhas; agus thèid an glòir, agus am mòr-shluagh, agus an greadhnachas, agus esan a tha ri aighear, sìos da h‑ionnsaigh.

Agus a‑nis tha sinn a’ meas nan uaibhreach sona: seadh, tha iadsan a tha a’ cur an gnìomh aingidheachd air an àrdachadh: seadh, tha iadsan a tha a’ buaireadh Dhè eadhon air an saoradh.

Agus nuair a bha e na shuidhe air cathair a’ bhreitheanais, chuir a bhean teachdaireachd da ionnsaigh, ag ràdh, Na biodh agadsa gnothach sam bith ris an fhìrean sin: oir is mòr a dh’fhuiling mise an‑diugh ann am bruadar air a shon-san.

Agus bha fearg mhòr air Herod ri muinntir Thìruis agus Shìdoin: ach thàinig iadsan a dh’aon inntinn da ionnsaigh, agus air dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt air an crann, dh’iarr iad sìth; do bhrìgh gu robh an tìr air a beathachadh le tìr an rìgh.

Agus rinn an sluagh iolach, ag ràdh, Is guth dè seo, agus cha ghuth duine.

Agus an ceann còig làithean na dhèidh sin chaidh Ananias an t‑àrd-shagart sìos maille ris na seanairean, agus ri Tertullus, fear-tagraidh àraidh, muinntir a nochd iad fhèin an làthair an uachdarain an aghaidh Phòil.

Uime sin air an là màireach, nuair a thàinig Agripa, agus Bernice, le mòr-ghreadhnachas, agus a chaidh iad a‑steach maille ris na h‑àrd-cheannardan agus prìomh-dhaoine na cathrach don ionad-èisdeachd, air do Fhestus àithne a thoirt, thugadh Pòl an làthair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan