Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 12:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mharbh e Seumas bràthair Eòin leis a’ chlaidheamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus dh’innis Ahab do Iesebel na h‑uile nithean a rinn Eliah, agus cionnas a mharbh e na fàidhean uile leis a’ chlaidheamh.

Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh.

Agus thug iad Uriah a‑mach as an Eiphit, agus thug iad e a‑chum an rìgh Iehoiacim, a mharbh e leis a’ chlaidheamh, agus a thilg a chorp ann an uaighean nan daoine coitcheann.

Agus thubhairt esan riu, Olaidh sibh gu deimhinn dem chupan-sa, agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh lem baistear mise: ach suidhe air mo làimh dheis agus chlì, cha leamsa sin a thabhairt, ach dhaibhsan dom bheil e air ullachadh lem Athair.

Agus thàinig da ionnsaigh Seumas agus Eòin, mic Shebede, ag ràdh, A Mhaighistir, is àill leinn gun dèan thu dhuinne ge bè nì a dh’iarras sinn.

Agus thubhairt Iosa riu, Chan aithne dhuibh ciod a tha sibh ag iarraidh: a bheil sibh comasach air a’ chupan òl a dh’òlas mise? Agus a bhith air ur baisteadh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise?

Thubhairt iadsan ris, Tha sinn comasach. Ach thubhairt Iosa riu, Olaidh sibhse gu deimhinn an cupan a dh’òlas mise; agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise:

A‑nis mun àm sin, shìn Herod an rìgh a làmhan, a dhèanamh uilc air dream àraidh den eaglais.

Chlachadh iad, shàbhadh as a chèile iad, bhuaireadh iad, chuireadh gu bàs leis a’ chlaidheamh iad: chaidh iad mun cuairt nam fògarraich ann an craicinn chaorach agus ghobhar, ann an uireasbhaidh, ann an trioblaidean, ann an cràdh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan