Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 12:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dhaibh dol tron chiad agus an dara faire, thàinig iad a‑chum a’ gheata iarainn a tha a’ treòrachadh don bhaile, a dh’fhosgail dhaibh leis fhèin: agus air dol a‑mach dhaibh, chaidh iad air an aghaidh tro aon sràid, agus air ball dh’fhalbh an t‑aingeal uaithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus chuir e an làimh iad ann an taigh ceannard an fhreiceadain anns a’ phrìosan, far an robh Iòseph ceangailte.

Agus chuir e am prìosan iad uile rè trì làithean.

Agus ghlaodh e, Leòmhainn: mo thighearna, tha mi am sheasamh an còmhnaidh ann am ionad-faire, air feadh an là; agus tha mi a’ fantainn air mo fhreiceadan rè gach oidhche;

Agus chuir iad an làimh e, a chionn nach d’innseadh ciod a bu chòir a dhèanamh ris.

Agus air teachd don fheasgar an là sin fhèin, air a’ chiad là den t‑seachdain, agus na dorsan dùinte far an robh na deisciobail cruinn air eagal nan Iùdhach, thàinig Iosa agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e riu, Sìth dhuibh.

Agus an ceann ochd làithean na dhèidh sin, bha a dheisciobail a‑rìs a‑staigh, agus Tòmas maille riu: thàinig Iosa, agus na dorsan dùinte, agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e, Sìth dhuibh.

Agus ghlac e agus chuir e ann am prìosan e, agus thug e e ra ghleidheadh do cheithir cheathrar shaighdearan, fo rùn a thoirt a‑mach don t‑sluagh an dèidh na càisge.

Agus gu h‑obann bha crith-thalmhainn mhòr ann, air chor is gun do chrathadh bunaitean a’ phrìosain: agus air ball dh’fhosgladh na dorsan uile, agus dh’fhuasgladh cuibhrichean gach neach aca.

Ach dh’fhosgail aingeal an Tighearna dorsan a’ phrìosain anns an oidhche, agus thug e iadsan a‑mach, agus thubhairt e,

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan