Ach fhreagair an guth mi an dara uair o nèamh, Na nithean a ghlan Dia na meas thusa neòghlan.
Do bhrìgh nach tèid e a‑steach da chridhe, ach don bhroinn, agus thèid e a‑mach don t‑sloc shalchair, a’ glanadh gach uile bhìdh.
Agus thubhairt an guth ris a‑rìs an dara uair, Na nithean sin a ghlan Dia, na gairm thusa coitcheann.
Agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil e mì‑dhligheach do dhuine a tha na Iùdhach coluadar a chumail ri neach a tha de chinneach eile, no teachd am fagas dha; ach nochd Dia dhòmhsa gun duine air bith a ghairm coitcheann no neòghlan.
Agus rinneadh seo trì uairean: agus thogadh an t‑iomlan a‑rìs suas gu nèamh.
Ach thubhairt mise, Chan eadh, a Thighearna: oir cha deachaidh riamh aon nì coitcheann no neòghlan a‑steach dom bheul.
Agus cha do rinn e eadar-dhealachadh eadar sinne agus iadsan, a’ glanadh an cridhe le creideamh.
Oir tha e air a naomhachadh le facal Dhè agus le ùrnaigh.