Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 11:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thubhairt mise, Chan eadh, a Thighearna: oir cha deachaidh riamh aon nì coitcheann no neòghlan a‑steach dom bheul.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Cha ghabh iad còmhnaidh ann am fearann an Tighearna: ach tillidh Ephraim don Eiphit: agus ann an Asiria ithidh iad nithean neòghlan.

Agus a‑chum gun cuir sibh eadar-dhealachadh eadar naomh agus mì‑naomh, agus eadar neòghlan agus glan;

A chur dealachaidh eadar an neòghlan agus an glan, agus eadar am beathach a dh’fhaodar ithe, agus am beathach nach faodar ithe.

Agus nuair a chunnaic iad cuid de a dheisciobail ag ithe arain le làmhan salach (sin ri ràdh, gun ionnlaid), fhuair iad cron dhaibh.

Agus chuala mi guth ag ràdh rium, Eirich, a Pheadair; marbh agus ith.

Ach fhreagair an guth mi an dara uair o nèamh, Na nithean a ghlan Dia na meas thusa neòghlan.

Oir tha fhios agam, agus is dearbh leam anns an Tighearna Iosa, nach eil nì sam bith neòghlan dheth fhèin: ach don tì a mheasas nì sam bith neòghlan, dhàsan tha e neòghlan.

Oir tha am fear ana-creidmheach air a naomhachadh leis a’ mhnaoi, agus tha a’ bhean ana-creidmheach air a naomhachach leis an fhear: no bhiodh ur clann neòghlan; ach a‑nis tha iad naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan