An sin thug iad Iosa o Chaiaphas gu àit a’ bhreitheanais: agus b’i a’ mhadainn a bha ann, agus cha deachaidh iad fhèin do àit a’ bhreitheanais, a‑chum nach biodh iad air an salachadh; ach gun itheadh iad a’ chàisg.
An sin ghairm e a‑steach iad, agus thug e aoidheachd dhaibh. Agus air an là màireach dh’imich Peadar maille riu, agus chaidh dream àraidh de na bràithrean o Iopa maille ris.
Agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil e mì‑dhligheach do dhuine a tha na Iùdhach coluadar a chumail ri neach a tha de chinneach eile, no teachd am fagas dha; ach nochd Dia dhòmhsa gun duine air bith a ghairm coitcheann no neòghlan.
Uime sin cuir gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar; tha e air aoidheachd ann an taigh Shìmoin, fear-deasachaidh leathair, làimh ris a’ mhuir; neach, nuair a thig e, a labhras riut.
Ach a‑nis sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gun choluadar a ghleidheadh, ma tha neach air bith ris an abrar bràthair na fhear-neòghlaine, no sanntach, no na fhear-iodhal-adhraidh, no na fhear-ana-cainnt, no na mhisgeir, no na fhear-fòirneirt, maille ra leithid seo de dhuine gun uiread is biadh ithe.
Oir ro do dhream àraidh teachd o Sheumas, dh’ith e biadh maille ris na Cinnich, ach nuair a thàinig iadsan, chaidh e a thaobh, agus thearbaidh e e fhèin, air eagal na muinntir a bha den timcheall-ghearradh.
Ma thig neach air bith dur n‑ionnsaigh, agus nach toir e an teagasg seo leis, na gabhaibh e a‑steach dur taigh, agus na abraibh ris, Guma subhach dhut: