Agus ghabh na creidmhich den timcheall-ghearradh, a mheud dhiubh is a thàinig maille ri Peadar, iongantas mòr, do bhrìgh gun do dhòirteadh air na Cinnich mar an ceudna tìodhlac an Spioraid Naoimh.
Agus air an là màireach, nuair a bha iadsan air an turas, agus a’ teachd am fagas don bhaile, chaidh Peadar suas air mullach an taighe a dhèanamh ùrnaigh, mu thimcheall na siathamh uaire.
Agus theagaisg dream àraidh, a thàinig a‑nuas o Iudèa, na bràithrean, ag ràdh, Mura timcheall-ghearrar sibh a rèir gnàth Mhaois, chan eil e an comas dhuibh a bhith air ur tèarnadh.
Ach dh’èirich dream àraidh de bharail nam Pharasach a bha nan creidmhich, ag ràdh gur còir an timcheall-ghearradh, agus ag àithneadh dhaibh lagh Mhaois a choimhead.
Agus Iosa, ris an abrar Iustus, muinntir a tha den timcheall-ghearradh. Is iad sin a‑mhàin mo cho-obraichean a‑chum rìoghachd Dhè, a bha nan comhfhurtachd dhomh.