Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 11:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nochd e dhuinn cionnas a chunnaic e aingeal na sheasamh na thaigh, a thubhairt ris, Cuir daoine gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iadsan, Fhuair Cornelius an ceannard-ceud, duine cothromach air a bheil eagal Dhè, agus fo dheagh ainm aig cinneach nan Iùdhach uile, rabhabh o Dhia le aingeal naomh, fios a chur ortsa da thaigh, agus briathran a chluinntinn uat.

Agus thubhairt an Spiorad rium dol maille riu, gun amharas air bith a bhith orm. Agus chaidh mar an ceudna an t‑sianar bhràithrean seo maille rium, agus chaidh sinn a‑steach do thaigh an duine:

Neach a labhras briathran riut, leis an tèarnar thu fhèin agus do thaigh uile.

Agus nuair a thàinig Peadar da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, A‑nis tha fhios agam gu fìrinneach gun do chuir an Tighearna aingeal uaithe, agus gun do shaor e mi o làimh Heroid, agus o uile dhùil poball nan Iùdhach.

A‑nis bha ban-deisciobal àraidh ann an Iopa dom b’ainm Tabita, is e sin, air eadar-theangachadh, Dorcas: bha a’ bhean seo làn de dheagh obraichean, agus de dhèircean a rinn i.

Agus air do Lida a bhith fagas do Iopa, agus air cluinntinn do na deisciobail gu robh Peadar an sin, chuir iad dithis dhaoine da ionnsaigh, a’ guidhe air a theachd dan ionnsaigh gun dàil.

Agus fhuaireadh fios air seo tre Iopa uile; agus chreid mòran anns an Tighearna.

Agus thàrladh gun d’fhan e mòran làithean ann an Iopa maille ri Sìmon àraidh, fear-deasachaidh leathair.

Nach spioradan-frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan