Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 11:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, air ball bha triùir dhaoine air teachd a‑chum an taighe anns an robh mi, a chuireadh o Chesarèa am ionnsaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Mhaois, agus thubhairt e, Nach e Aaron an Lèbhitheach do bhràthair? Tha fhios agam gun labhair esan gu math. Agus mar an ceudna, feuch, tha e a’ teachd a‑mach ad choinneamh: agus nuair a chì e thu, bidh e subhach na chridhe.

Agus thubhairt an Tighearna ri Aaron, Imich an coinneamh Mhaois don fhàsach. Agus dh’imich e, agus choinnich e e ann an sliabh Dhè, agus phòg e e.

Agus air teachd do Iosa gu crìochan Chesarèa Philipi, dh’fheòraich e de a dheisciobail, ag ràdh, Cò tha daoine ag ràdh as e Mac an Duine?

Agus rinneadh seo trì uairean: agus thogadh an t‑iomlan a‑rìs suas gu nèamh.

Ach fhuaireadh Philip ann an Asotos: agus shearmonaich e anns na bailtean uile, a’ dol tron dùthaich, gus an tàinig e gu Cesarèa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan