Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 11:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinneadh seo trì uairean: agus thogadh an t‑iomlan a‑rìs suas gu nèamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus las corraich Bhalaic an aghaidh Bhalàaim, agus bhuail e a bhasan ri chèile: agus thubhairt Balac ri Balàam, A mhallachadh mo naimhdean ghairm mi thu, agus, feuch, da‑rìribh bheannaich thu iad na trì uairean seo:

Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon-sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean.

Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.

Agus, feuch, air ball bha triùir dhaoine air teachd a‑chum an taighe anns an robh mi, a chuireadh o Chesarèa am ionnsaigh.

Ach fhreagair an guth mi an dara uair o nèamh, Na nithean a ghlan Dia na meas thusa neòghlan.

Air a shon seo ghuidh mi an Tighearna trì uairean, gun imicheadh seo uam.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan