Cuimhnichidh air, agus tillidh a dh’ionnsaigh an Tighearna, uile chrìochan na talmhainn; agus strìochdaidh uile theaghlaichean nan cinneach na làthair.
Ghairm mise Iehòbhah thu ann am fìreantachd, agus gabhaidh mi greim ded làimh, agus gleidhidh mi thu; agus bheir mi thu mar choicheangal don t‑sluagh, mar sholas do na cinnich;
Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.
O Thighearna, mo neart, agus mo dhaingneach, agus mo dhìdean ann an là na h‑airce; ad ionnsaigh-sa thig na cinnich o chrìochan na talmhainn, agus their iad, Gu deimhinn shealbhaich ar n‑athraichean nì gun bhrìgh; dìomhanas, agus nithean gun tairbhe.
Agus suidhichidh mi dhomh fhèin i anns an fhearann, agus nì mi tròcair oirrese nach d’fhuair tròcair; agus their mi riùsan nach robh nan sluagh dhomh, Is tu mo shluagh; agus their iadsan, Is tu mo Dhia.
Agus bidh fuidheall Iàcoib am measg mòran shluagh, mar an drùchd on Tighearna, mar na frasan air an fheur, nach feith ri duine, agus nach fan ri mic dhaoine.
Bidh an Tighearna uamhasach nan aghaidh: oir bheir e gort air uile dhiathan na talmhainn; agus bheir iad adhradh dhàsan, gach aon o a àite fhèin, eadhon uile eileanan nan cinneach.
Agus bidh mòran chinneach air an cur ris an Tighearna anns an là sin, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa: agus gabhaidh mise còmhnaidh ann ad mheadhon; agus bidh fhios agad gun do chuir Tighearna nan sluagh mise ad ionnsaigh.
Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm-sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm-sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh.
Agus tha mi ag ràdh ribh gun tig mòran on àird an ear agus on àird an iar, agus gun suidh iad maille ri Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, ann an rìoghachd nèimh:
Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).
Agus nuair a thàinig iad, agus a chruinnich iad an eaglais an ceann a chèile, dh’aithris iad meud nan nithean a rinn Dia leo, agus gun d’fhosgail e doras creidimh do na Cinnich.
Agus air dhaibh a bhith air an toirt air an aghaidh leis an eaglais, chaidh iad tro Phenice, agus Shamaria, a’ cur an cèill iompachadh nan Cinneach: agus thug iad aoibhneas mòr do na bràithrean uile.
Agus as a sin, air faotainn ar sgeòil do na bràithrean, thàinig iad nar coinneamh gu Apii-forum, agus Na Trì Taighean-òsda; agus nuair a chunnaic Pòl iad, thug e buidheachas do Dhia, agus ghabh e misneach.