Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 10:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air an là màireach, nuair a bha iadsan air an turas, agus a’ teachd am fagas don bhaile, chaidh Peadar suas air mullach an taighe a dhèanamh ùrnaigh, mu thimcheall na siathamh uaire.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thachair e mu fheasgar gun d’èirich Daibhidh bhàrr a leapa, agus gu robh e a’ spaisdearachd air mullach taigh an rìgh: agus on mhullach chunnaic e bean ga nighe fhèin: agus bha a’ bhean ro‑mhaiseach ri sealltainn oirre.

Air feasgar, air madainn agus aig meadhon-là nì mi ùrnaigh, agus glaodhaidh mi gu h‑àrd; agus èisdidh esan rim ghuth.

Agus bidh taighean Ierusaleim, agus taighean rìghrean Iùdah, amhail ionad Thophet, neòghlan; maille ris na taighean sin air fad, air mullach an do loisg iad tùis do uile fheachd nèimh, agus a dhòirt iad ìobairtean-dibhe a‑mach do dhiathan coimheach.

Agus thig na Caldèanaich a tha a’ cogadh an aghaidh na cathrach seo, agus cuiridh iad teine rithe, agus loisgidh iad i, maille ris na taighean air mullach an do loisg iad tùis do Bhàal, agus air an do dhòirt iad tabhartasan-dibhe a‑mach do dhiathan eile, a‑chum mise a bhrosnachadh gu feirg.

A‑nis nuair a thuig Daniel gun deachaidh an sgrìobhadh a sheulachadh, chaidh e a‑chum a thaighe agus air da uinneagan a bhith fosgailte na sheòmar ri Ierusalem, thuit e sìos air a ghlùinean trì uairean anns an là, agus rinn e ùrnaigh, agus thug e buidheachas an làthair a Dhè, mar a rinn e anns an aimsir roimhe.

Agus iadsan a tha ag adhradh do fheachd nèimh air mullach nan taighean; agus iadsan a tha ag adhradh, agus a’ mionnachadh air an Tighearna, agus fòs a’ mionnachadh air Malcham;

Nuair a chaidh e a‑mach a‑rìs timcheall na siathamh agus na naoidheamh uaire, rinn e mar an ceudna.

An tì a tha air mullach an taighe, na tigeadh e a‑nuas a thabhairt nì sam bith leis as a thaigh:

A‑nis, on t‑siathamh uair bha dorchadas air an tìr uile, gus an naoidheamh uair.

Ach thusa, nuair a nì thu ùrnaigh, imich a‑steach dod sheòmar, agus air dùnadh do dhorais dhut, dèan ùrnaigh rid Athair a tha ann an uaigneas, agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach.

Agus air dha èirigh anns a’ mhadainn, fada ro là, chaidh e a‑mach, agus dh’imich e gu àite fàsail, agus rinn e ùrnaigh an sin.

Agus nuair a chuir e air falbh iad, chaidh e gu beinn a dhèanamh ùrnaigh.

Chunnaic e ann an sealladh gu soilleir, mu thimcheall na naoidheamh uaire den là, aingeal Dhè a’ teachd a‑steach da ionnsaigh, agus ag ràdh, A Chorneliuis.

Ach buanaichidh sinne a‑ghnàth ann an ùrnaigh, agus ann am ministrealachd an fhacail.

A’ dèanamh ùrnaigh a‑ghnàth leis gach uile ghnè ùrnaigh agus aslachaidh anns an Spiorad, agus a’ dèanamh faire a‑chum an nì seo fhèin maille ris gach uile bhuanachadh, agus ghuidhe airson nan naomh uile;

Uime sin is àill leam na fir a dhèanamh ùrnaigh anns gach àit, a’ togail suas làmhan naomha gun fheirg, gun amharas:

Agus nuair a thàinig iad a‑nuas on ionad àrd don bhaile, labhair Samuel ri Saul air mullach an taighe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan