Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 10:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’fhalbh an t‑aingeal a labhair ri Cornelius, ghairm e da ionnsaigh dithis de mhuinntir a thaighe, agus saighdear cràbhach den dream a bha a‑ghnàth a’ feitheamh air;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuala seirbhiseach Abrahàim am briathran, chrom e e fhèin gu làr don Tighearna.

Agus nuair a dh’imich iad air an ais, feuch, nochdadh aingeal an Tighearna do Iòseph ann am bruadar, ag ràdh, Èirich, agus gabh an naoidhean agus a mhàthair, agus teich don Èiphit, agus bi an sin gus an labhair mise riut: oir iarraidh Herod an naoidhean ga mhilleadh.

Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.

Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid-bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal.

Tha e air aoidheachd maille ri Sìmon àraidh, fear-deasachaidh leathair, aig a bheil a thaigh làimh ris an fhairge: innsidh esan dhut ciod as còir dhut a dhèanamh.

Agus nuair a chuir e an t‑iomlan an cèill dhaibh, chuir e iad gu Iopa.

Agus iadsan aig a bheil maighistirean creidmheach, na dèanadh iad tarcais orra, airson gur bràithrean iad: ach gum b’fheàrr leo seirbhis a dhèanamh dhaibh, do bhrìgh gu bheil iad creidmheach agus ionmhainn, nan luchd-compàirt de thìodhlac a’ ghràis. Na nithean seo teagaisg agus earailich.

Chan ann à seo suas mar sheirbhiseach, ach os cionn seirbhisich, na bhràthair gràdhach, gu h‑àraidh dhòmhsa, agus nach mò na sin dhutsa, araon anns an fheòil, agus anns an Tighearna?

Ach ma tha eagal ort dol sìos, falbh-sa agus Phurah d’òglach sìos a dh’ionnsaigh an fheachd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan