Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 10:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑nis cuir daoine gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus air Sìmon thug e Peadar mar cho-ainm;

Agus thug e a‑chum Iosa e; agus nuair a dh’amhairc Iosa air, thubhairt e, Is tusa Sìmon mac Iòna: gairmear Cèphas dhìot, is e sin air eadar-theangachadh, Peadar.

Agus air gairm dhaibh, dh’fheòraich iad an robh Sìmon, don co‑ainm Peadar, air aoidheachd an sin.

Uime sin cuir gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar; tha e air aoidheachd ann an taigh Shìmoin, fear-deasachaidh leathair, làimh ris a’ mhuir; neach, nuair a thig e, a labhras riut.

Agus an dèidh mòran deasbaireachd, dh’èirich Peadar agus thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, tha fhios agaibh o chionn fhada gun do roghnaich Dia nar measg-ne, om bheul-sa gun cluinneadh na Cinnich facal an t‑soisgeil, agus gun creideadh iad:

Agus chunnacas sealladh le Pòl anns an oidhche. Sheas duine àraidh o Mhacedònia, agus ghuidh e air, ag ràdh, Thig thairis gu Macedònia, agus cuidich leinn.

A‑nis bha ban-deisciobal àraidh ann an Iopa dom b’ainm Tabita, is e sin, air eadar-theangachadh, Dorcas: bha a’ bhean seo làn de dheagh obraichean, agus de dhèircean a rinn i.

Agus air do Lida a bhith fagas do Iopa, agus air cluinntinn do na deisciobail gu robh Peadar an sin, chuir iad dithis dhaoine da ionnsaigh, a’ guidhe air a theachd dan ionnsaigh gun dàil.

Agus fhuaireadh fios air seo tre Iopa uile; agus chreid mòran anns an Tighearna.

Agus thàrladh gun d’fhan e mòran làithean ann an Iopa maille ri Sìmon àraidh, fear-deasachaidh leathair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan