Gnìomharan 10:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus air dhàsan amharc gu geur air, ghabh e eagal, agus thubhairt e, Ciod e, a Thighearna? Agus thubhairt e ris, Chaidh d’ùrnaighean agus do dhèircean suas mar chuimhneachan ann am fianais Dhè. Faic an caibideil |
An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, agus dèan a rèir nan uile nithean mun glaodh an coigreach riut; a‑chum gum bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air d’ainm, agus gum bi eagal orra romhad, mar a tha air do shluagh Israel, agus gum bi fhios aca gun goirear d’ainm-sa air an taigh seo a thog mise.