Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 10:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chunnaic e ann an sealladh gu soilleir, mu thimcheall na naoidheamh uaire den là, aingeal Dhè a’ teachd a‑steach da ionnsaigh, agus ag ràdh, A Chorneliuis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Air feasgar, air madainn agus aig meadhon-là nì mi ùrnaigh, agus glaodhaidh mi gu h‑àrd; agus èisdidh esan rim ghuth.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, An nì seo mar an ceudna a thubhairt thu, nì mise; oir fhuair thu deagh-ghean am shùilean, agus is aithne dhomh thu air d’ainm.

Air sgàth Iàcoib m’òglach, agus Israeil a roghnaich mi, ghairm mi eadhon air d’ainm thu; thug mi sloinneadh ort, agus thu aineolach orm.

Agus mu thimcheall na naoidheamh uaire, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eli, Eli, lama sabachtani? Is e sin ri ràdh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?

Agus chunnacas leis-san aingeal an Tighearna na sheasamh air taobh deas altair na tùise.

Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean nèimh, a’ moladh Dhè, agus ag ràdh,

A‑nis nuair a bha Peadar fo amharas ann fhèin ciod a bu chiall don t‑sealladh a chunnaic e, feuch, bha na daoine a chuireadh o Chornelius, an dèidh dhaibh taigh Shìmoin iarraidh, nan seasamh aig an doras,

Am feadh a bha Peadar a’ smaoineachadh air an t‑sealladh, thubhairt an Spiorad ris, Feuch, tha triùir dhaoine gad iarraidh.

Agus thubhairt Cornelius, On cheathramh là gus an uair seo bha mi a’ dèanamh trasgaidh; agus air an naoidheamh uair bha mi a’ dèanamh ùrnaigh nam thaigh, agus, feuch, sheas duine am làthair ann an aodach dealrach.

Agus air an là màireach, nuair a bha iadsan air an turas, agus a’ teachd am fagas don bhaile, chaidh Peadar suas air mullach an taighe a dhèanamh ùrnaigh, mu thimcheall na siathamh uaire.

Agus nochd e dhuinn cionnas a chunnaic e aingeal na sheasamh na thaigh, a thubhairt ris, Cuir daoine gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar;

Oir, air an oidhche nochd, sheas làimh riumsa aingeal an Dè sin dom buin mi, agus dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis,

Agus chaidh Peadar agus Eòin le chèile suas don teampall, aig uair na h‑ùrnaigh, eadhon an naoidheamh uair.

Ach dh’fhosgail aingeal an Tighearna dorsan a’ phrìosain anns an oidhche, agus thug e iadsan a‑mach, agus thubhairt e,

Agus bha deisciobal àraidh ann an Damascas, dom b’ainm Ananias; agus thubhairt an Tighearna ris ann am foillseachadh, Ananiais. Agus thubhairt esan, Feuch tha mi an seo, a Thighearna.

Agus air tuiteam dha air an talamh, chuala e guth ag ràdh ris, A Shauil, a Shauil, carson tha thu gam gheur-leanmhainn-sa?

Nach spioradan-frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?

Air dha a bhith air a dhèanamh nas ro‑òirdheirce na na h‑aingil, a mheud is gun d’fhuair e mar oighreachd ainm a bu ro‑fheàrr na iadsan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan