Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 10:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha Peadar a’ dol a‑steach, choinnich Cornelius e, agus thuit e sìos aig a chasan, agus rinn e adhradh dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Ach dom thaobh-sa chan eil an diamhaireachd seo air a leigeadh ris dhomh airson gliocais air bith a tha agam thar aon duine beò, ach air an son-san a nì a’ bhrìgh aithnichte don rìgh; agus a‑chum gum biodh fhios agadsa air smuaintean do chridhe:)

An sin thuit an rìgh Nebuchadnesar air a aghaidh, agus thug e urram do Dhaniel, agus dh’àithn e gun tugadh iad dha tabhartas agus boltrach cùbhraidh.

An sin thàinig iadsan a bha anns an luing, agus rinn iad adhradh dha, ag ràdh, Gu fìrinneach is tu Mac Dhè.

Agus, feuch, thàinig lobhar, agus rinn e adhradh dha, ag ràdh, A Thighearna, mas àill leat, is comasach thu air mise a ghlanadh.

Agus thuit mi sìos aig a chasan a‑chum adhradh a dhèanamh dha: agus thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: is co‑sheirbhiseach dhut fhèin mise, agus dod bhràithrean aig a bheil fianais Iosa: dèan adhradh do Dhia: oir is i fianais Iosa spiorad na fàidheadaireachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan