Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 10:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin ghairm e a‑steach iad, agus thug e aoidheachd dhaibh. Agus air an là màireach dh’imich Peadar maille riu, agus chaidh dream àraidh de na bràithrean o Iopa maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).

Uime sin thàinig mi nuair a chuireadh fios orm, gun aon nì a ràdh na aghaidh: air an adhbhar sin tha mi a’ feòraich carson a chuir sibh fios orm?

Uime sin chuir mi air ball fios ort; agus is math a rinn thu teachd. Air an adhbhar sin tha sinne uile an seo an làthair ann am fianais Dhè, a dh’èisdeachd nan uile nithean a tha air an àithneadh dhutsa le Dia.

Agus ghabh na creidmhich den timcheall-ghearradh, a mheud dhiubh is a thàinig maille ri Peadar, iongantas mòr, do bhrìgh gun do dhòirteadh air na Cinnich mar an ceudna tìodhlac an Spioraid Naoimh.

Agus thubhairt an Spiorad rium dol maille riu, gun amharas air bith a bhith orm. Agus chaidh mar an ceudna an t‑sianar bhràithrean seo maille rium, agus chaidh sinn a‑steach do thaigh an duine:

Agus as a sin, air faotainn ar sgeòil do na bràithrean, thàinig iad nar coinneamh gu Apii-forum, agus Na Trì Taighean-òsda; agus nuair a chunnaic Pòl iad, thug e buidheachas do Dhia, agus ghabh e misneach.

A‑nis bha ban-deisciobal àraidh ann an Iopa dom b’ainm Tabita, is e sin, air eadar-theangachadh, Dorcas: bha a’ bhean seo làn de dheagh obraichean, agus de dhèircean a rinn i.

Agus air do Lida a bhith fagas do Iopa, agus air cluinntinn do na deisciobail gu robh Peadar an sin, chuir iad dithis dhaoine da ionnsaigh, a’ guidhe air a theachd dan ionnsaigh gun dàil.

Agus fhuaireadh fios air seo tre Iopa uile; agus chreid mòran anns an Tighearna.

Air dhuinn a bhith a’ solar nithean ciatach, chan ann a‑mhàin am fianais an Tighearna, ach mar an ceudna am fianais dhaoine.

Na dearmadaibh aoidheachd a thoirt do choigrich; oir le seo thug dream àraidh aoidheachd do ainglean gun fhios dhaibh.

Thugaibh aoidheachd da chèile gun ghearan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan