Nì am madadh-allaidh agus an t‑uan ionaltradh le chèile; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh; ach is e an duslach as biadh don nathair. Cha dochainn agus cha mhill iad nam shliabh naomh-sa uile, deir an Tighearna.
Air an là dheireannach, là mòr sin na fèille, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e am ionnsaigh-sa, agus òladh e.
Agus chunnaic e nèamh fosgailte, agus soitheach àraidh a’ teachd a‑nuas da ionnsaigh, mar bhraith-lìn mhòir, ceangailte air a ceithir oisnean, agus air a leigeadh sìos air an talamh;
Agus air dhomh beachdachadh gu geur oirre, thug mi fa‑near, agus chunnaic mi beathaichean ceithir-chasach na talmhainn, agus na fiadh-bheathaichean, agus na biasdan-snàigeach, agus eunlaith an adhair.
Agus chaochail iad glòir an Dè neo-thruaillidh gu dealbh a rinneadh cosmhail ri duine truaillidh, agus ri eunlaith, agus ainmhidhean ceithir-chasach, agus biasdan snàigeach.