A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard-ceud, agus iadsan a bha maille ris a’ coimhead Iosa, a’ chrith-thalmhainn, agus na nithean eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b’e seo Mac Dhè.
An sin air do Iùdas buidheann agus maoir fhaotainn o na h‑àrd-shagartan agus na Pharasaich, thàinig e don àite sin le leusan, agus lòchrain, agus airm.
Agus air an là màireach chaidh iad a‑steach do Chesarèa: agus bha Cornelius a’ feitheamh riu, agus air gairm a luchd-dàimh agus a chàirdean dìleas an ceann a chèile.
Agus air an là màireach, air dhuinne a bha de chuideachd Phòil imeachd, thàinig sinn gu Cesarèa; agus chaidh sinn a‑steach do thaigh Philip an soisgeulaiche (a bha den t‑seachdnar), agus dh’fhan sinn aige.
Agus nuair a bha iad ga cheangal le iallan, thubhairt Pòl ris a’ cheannard-cheud a sheas an làthair, A bheil e ceadaichte dhuibhse duine a tha na Ròmanach a sgiùrsadh, agus gun e air a dhìteadh?
Agus ghairm e da ionnsaigh dà cheannard-ceud, agus thubhairt e, Ullaichibh dà cheud saighdear a thèid gu Cesarèa, agus deich agus trì-fichead marcach, agus dà cheud fear-sleagha, air an treas uair den oidhche.
Agus nuair a thugadh breith sinne a sheòladh don Eadailt, thug iad Pòl thairis, maille ri prìosanaich àraidh eile, do cheannard-ceud dom b’ainm Iulius de chuideachd Augustuis.
Ach air don cheannard-ceud a bhith toileach Pòl a theasairginn, chùm e air ais on comhairle iad, agus dh’àithn e dhaibhsan dom b’aithne snàmh iad fhèin a thilgeadh anns a’ chuan air tùs, agus dol a‑mach air tìr: