Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 1:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Cuimhnichidh air, agus tillidh a dh’ionnsaigh an Tighearna, uile chrìochan na talmhainn; agus strìochdaidh uile theaghlaichean nan cinneach na làthair.

Chuimhnich e a thròcair agus a fhìrinn do theaghlach Israeil; chunnaic uile chrìochan na talmhainn slàinte ar Dè.

Seinnibh don Tighearna òran nuadh; seinnibh a chliù o iomall na talmhainn; sibhse a bhios a’ dol air cuan, agus na h‑uile a tha ga lìonadh; eileanan, agus na h‑uile a tha a chòmhnaidh annta.

Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.

Leig an Tighearna ris a ghàirdean naomh ann an sùilean nan uile chinneach; agus chì uile iomallan na talmhainn slàinte ar Dè‑ne.

Agus cuiridh mi comharradh nam measg; agus a’ mhuinntir a thèid as dhiubh cuiridh mi a dh’ionnsaigh nan cinneach, gu Tarsis, Pul, agus Lud, a thàirngeas am bogha; gu Tubal agus Iabhan, na crìochan fad as; nach cuala iomradh orm, agus nach faca riamh mo ghlòir; agus cuiridh iad an cèill mo ghlòir am measg nan cinneach.

O Thighearna, mo neart, agus mo dhaingneach, agus mo dhìdean ann an là na h‑airce; ad ionnsaigh-sa thig na cinnich o chrìochan na talmhainn, agus their iad, Gu deimhinn shealbhaich ar n‑athraichean nì gun bhrìgh; dìomhanas, agus nithean gun tairbhe.

Ach gu deimhinn tha mise làn cumhachd, le spiorad an Tighearna, agus de bhreitheanas, agus de neart; a leigeadh ris a easaontais do Iàcob, agus a pheacaidh do Israel.

An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh.

Agus bidh soisgeul seo na rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an domhain uile, mar fhianais do na h‑uile chinnich: agus an sin thig a’ chrìoch.

Uime sin imichibh-se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh;

Agus thubhairt e riu, Imichibh air feadh an t‑saoghail uile, agus searmonaichibh an soisgeul do gach dùil.

Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth.

Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh.

Ach cho-èignich iadsan e, ag ràdh, Fan maille rinne, oir tha e dlùth don fheasgar, agus tha deireadh an là ann. Agus chaidh e a‑steach a dh’fhuireach maille riu.

Agus nì sibhse fianais mar an ceudna, do bhrìgh gu bheil sibh maille rium o thùs.

A’ tòiseachadh o bhaisteadh Eòin, gus an là anns an do thogadh suas uainn e, a bhith air a dhèanamh na fhianais air a aiseirigh-san maille rinne.

Oir bhaist Eòin gu deimhinn le uisge: ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh, air bheag làithean an dèidh seo.

Agus chunnacas e rè mòran làithean leòsan a chaidh suas maille ris o Ghalile gu Ierusalem, dream a tha nam fianaisean dhàsan don t‑sluagh.

An t‑Iosa seo thog Dia suas, air a bheil sinne uile nar fianaisean.

Oir bidh tu ad fhianais aige a‑chum nan uile dhaoine, air na nithean a chunnaic agus a chuala tu.

Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.

Agus le mòr-chumhachd thug na h‑abstoil fianais air aiseirigh an Tighearna Iosa: agus bha mòr-ghràs orra uile.

Agus tha sinne nar fianaisean dha air na nithean seo; agus mar an ceudna an Spiorad Naomh, a thug Dia dhaibhsan a tha umhail dha.

Agus rinn Stèphen, làn de chreideamh agus de chumhachd, mìorbhailean agus comharraidhean mòra am measg an t‑sluaigh.

Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs-san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur-leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.

Ach tha mi ag ràdh, Nach cuala iad? Chuala gu deimhinn, chaidh am fuaim air feadh gach tìre a‑mach, agus am briathran gu iomallan an domhain.

Le cumhachd chomharraidhean agus mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè; ionnas o Ierusalem agus mun cuairt gu Iliricum, gun do làn-shearmonaich mi soisgeul Chrìosd.

Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan