Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 1:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thubhairt esan riu, Cha bhuin e dhuibhse fios nan aimsir no nan àm fhaotainn, a chuir an t‑Athair na chumhachd fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Carson, o nach d’fhalaicheadh aimsirean on Uile-chumhachdach, nach faic iadsan don aithne e a làithean?

Agus atharraichidh e na h‑àmannan, agus na h‑aimsirean: atharraichidh e rìghrean, agus cuiridh e suas rìghrean: bheir e gliocas don ghlic, agus eòlas dhaibhsan don aithne tuigse.

Agus thubhairt esan riu, Olaidh sibh gu deimhinn dem chupan-sa, agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh lem baistear mise: ach suidhe air mo làimh dheis agus chlì, cha leamsa sin a thabhairt, ach dhaibhsan dom bheil e air ullachadh lem Athair.

Ach chan eil fios an là no na h‑uaire sin aig duine air bith, no fòs aig ainglean nèimh, ach aig m’Athair-sa a‑mhàin.

Ach suidhe air mo làimh dheis, agus air mo làimh chlì, cha leamsa sin ra thabhairt, ach dhaibhsan don d’ullaicheadh e.

Ach chan eil fhios an là no na h‑uaire sin aig neach air bith, chan eil aig na h‑ainglean a tha air nèamh, no aig a’ Mhac, ach aig an Athair.

Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach.

Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite-còmhnaidh;

A‑chum ann am frithealadh coileanadh nan aimsir, gun cruinnicheadh e ann an aon na h‑uile nithean ann an Crìosd, araon na nithean a tha air nèamh agus na nithean a tha air talamh, eadhon annsan;

Buinidh na nithean diamhair don Tighearna ar Dia, ach na nithean a tha foillsichte dhuinne agus dar cloinn a‑chaoidh, a‑chum is gun dèan sinn uile bhriathran an lagha seo.

Nì, na àmannan fhèin, a dh’fhoillsicheas an Tì a tha beannaichte, agus a‑mhàin cumhachdach, Rìgh nan rìgh, agus Tighearna nan tighearnan;

Ach biodh fhios seo agad, gun tig anns na làithean deireannach aimsirean cunnartach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan