Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin nuair a chruinnich iad an ceann a chèile, dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Thighearna, an aisig thu aig an àm seo an rìoghachd do Israel?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Cha dealaich an t‑slat-rìoghail ri Iùdah, no lagh-thabhartair o eadar a chasan, gus an tig Sìloh, agus dhàsan gèillidh na slòigh:

Agus aisigidh mi do bhritheamhan mar air tùs, agus do chomhairlichean mar a bha iad an toiseach; na dhèidh sin goirear dhìot baile na fìreantachd, a’ chathair dhìleas.

An sin tilgidh mi uam sliochd Iàcoib, agus Dhaibhidh m’òglach, gun aon de a shliochd a ghabhail, gu bhith nan luchd-riaghlaidh thar sliochd Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib: oir bheir mi air a h‑ais am bruid, agus nì mi tròcair orra.

Agus bheirear an rìoghachd agus an uachdaranachd, agus mòrachd na rìoghachd fo nèamh uile, do mhuinntir naomh an Tì as ro‑àirde, aig a bheil a rìoghachd na rìoghachd shìorraidh, agus bheir na h‑uile thighearnais ùmhlachd agus gèill dha.

Oir fanaidh clann Israeil mòran làithean gun rìgh, agus gun phrionnsa, agus gun ìobairt, agus gun ìomhaigh, agus gun èphod, agus gun teraphim.

Anns an là sin togaidh mise suas pàillean Dhaibhidh a tha air tuiteam, agus dùinidh mi suas a bheàrnan; agus togaidh mi suas a làraichean, agus cuiridh mi suas e mar anns na làithean o shean:

Agus thusa, a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh-sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd.

Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Thig Elias gu fìrinneach air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean:

Agus thubhairt esan rithe, Ciod a b’àill leat? Thubhairt i ris, Abair gun suidh iad seo mo dhithis mhac, fear aca air do làimh dheis, agus am fear eile air do làimh chlì, ann ad rìoghachd.

Agus air suidhe dha air Sliabh nan Crann-ola, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh ann an uaigneas, ag ràdh, Innis dhuinne cuin a thig na nithean sin gu crìch, agus ciod e comharradh do theachd-sa, agus crìoch an t‑saoghail?

Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thig Elias gu deimhinn air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean, agus mar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e gu mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a chur an dìmeas.

Agus nuair a dh’fheòraich na Pharasaich dheth cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad agus thubhairt e, Cha tig rìoghachd Dhè air chor gum mothaichear i.

Agus a’ cluinntinn nan nithean sin dhaibh, chuir e ris, agus labhair e cosamhlachd, do bhrìgh gu robh e am fagas do Ierusalem, agus gun do shaoil iadsan gum biodh rìoghachd Dhè air a grad-fhoillseachadh.

Agus tha mise ag òrdachadh dhuibh rìoghachd, mar a dh’òrdaich m’Athair dhòmhsa;

Air do Pheadar esan fhaicinn, thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, ciod a nì am fear seo?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan