No co‑dhiù a b’ann dà là, no mìos, no bliadhna, a dh’fhan an neul air a’ phàillean, a’ fuireach air, dh’fhan clann Israeil nam bùthan, agus cha d’imich iad: ach nuair a thogadh suas e, ghabh iad an turas.
Air an adhbhar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thoirt dur cloinn, nach mòr as mò na sin a bheir ur n‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh’iarras air e?
Ach nuair a thig an Comhfhurtair, a chuireas mise dur n‑ionnsaigh on Athair, Spiorad na fìrinn, a tha a’ teachd a‑mach on Athair, nì esan fianais mum thimcheall-sa.
(Ach labhair e seo mun Spiorad, a bha iadsan a chreideadh annsan gu fhaghail: oir cha robh an Spiorad fhathast air a thabhairt, do bhrìgh nach robh Iosa fhathast air a ghlòrachadh.)
Chan ann don t‑sluagh uile, ach do fhianaisean, a thaghadh le Dia ro‑làimh, eadhon dhuinne, a dh’ith agus a dh’òl maille ris an dèidh dha èirigh o na mairbh.
Uime sin, air dha a bhith air àrdachadh le deaslàimh Dhè, agus gealladh an Spioraid Naoimh fhaotainn on Athair, dhòirt e a‑mach an nì seo, a tha sibhse a‑nis a’ faicinn agus a’ cluinntinn.