Agus nuair a bha e fhathast a’ labhairt, feuch, sluagh, agus dh’imich esan dom b’ainm Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, romhpa, agus dhruid e ri Iosa, a‑chum a phògadh.
Am feadh a bha mise maille riu anns an t‑saoghal, choimhead mi iad tre d’ainm-sa: ghlèidh mi a’ mhuinntir a thug thu dhomh, agus cha do chailleadh a h‑aon dhiubh, ach mac an sgrios: a‑chum gum biodh an sgriobtar air a choileanadh.
Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.