Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 1:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fheara agus a bhràithrean, b’èiginn an sgriobtar seo a bhith air a choileanadh, a ro‑labhair an Spiorad Naomh le beul Dhaibhidh timcheall Iùdais, a bha na cheann-iùil acasan a ghlac Iosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

38 Iomraidhean Croise  

Labhair spiorad an Tighearna tromhamsa, agus a fhacal air mo theangaidh.

B’e seo facal an Tighearna, a labhair e ri Iehu, ag ràdh, Suidhidh do mhic air rìgh-chathair Israeil, gu ruig an ceathramh ginealach. Agus bha e mar sin.

Eadhon fear mo shìth as an d’earb mi, esan a dh’ith dem aran, thog e a shàil am aghaidh.

An sin dh’imich aon den dà‑fhear-dheug, dom b’ainm Iùdas Iscariot, a‑chum nan àrd-shagart.

Agus air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, agus maille ris cuideachd mhòr le claidheamhan agus bataichean o na h‑àrd-shagartan agus o sheanairean a’ phobaill.

Ach cionnas an sin a bhiodh na sgriobtairean air an coileanadh, a tha ag ràdh gur ann mar seo as èiginn tachairt?

Ach thachair seo uile a‑chum gum biodh sgriobtairean nam fàidhean air an coileanadh. An sin thrèig na deisciobail uile e, agus theich iad.

Oir thubhairt Daibhidh fhèin tron Spiorad Naomh, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna-sa, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

Agus air ball, air dha a bhith fhathast a’ labhairt, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, agus sluagh mòr maille ris le claidheamhan agus bataichean, o na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean.

Agus nuair a bha e fhathast a’ labhairt, feuch, sluagh, agus dh’imich esan dom b’ainm Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, romhpa, agus dhruid e ri Iosa, a‑chum a phògadh.

Ma thubhairt e diathan riùsan, a dh’ionnsaigh an tàinig facal Dhè, agus nach faodar an sgriobtar a bhriseadh;

Chan eil mi a’ labhairt oirbh uile: is aithne dhomh cò a thagh mi: ach is èiginn an sgriobtar a choileanadh, An tì a tha ag ithe arain maille rium, thog e a shàil am aghaidh.

Am feadh a bha mise maille riu anns an t‑saoghal, choimhead mi iad tre d’ainm-sa: ghlèidh mi a’ mhuinntir a thug thu dhomh, agus cha do chailleadh a h‑aon dhiubh, ach mac an sgrios: a‑chum gum biodh an sgriobtar air a choileanadh.

Oir rinneadh na nithean seo a‑chum gun coileante an sgriobtar, Cha bhrisear cnàimh dheth.

Oir tha e sgrìobhte ann an leabhar nan Salm, Biodh a àite-còmhnaidh na fhàsach, agus na gabhadh neach sam bith tàmh ann: agus, Glacadh neach eile a dhreuchd.

Agus an dèidh leughadh an lagha agus nam Fàidhean, chuir uachdarain an t‑sionagoig dan ionnsaigh, ag ràdh, Fheara agus a bhràithrean, ma tha facal earail agaibh don t‑sluagh, abraibh e.

Uime sin biodh fhios agaibhse, fheara agus a bhràithrean, gur ann tre an duine seo a tha maitheanas pheacaidhean air a shearmonachadh dhuibh:

Agus an dèidh dhaibh a bhith nan tosd, fhreagair Seumas, ag ràdh. Fheara agus a bhràithrean, èisdibh riumsa:

Agus an dèidh mòran deasbaireachd, dh’èirich Peadar agus thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, tha fhios agaibh o chionn fhada gun do roghnaich Dia nar measg-ne, om bheul-sa gun cluinneadh na Cinnich facal an t‑soisgeil, agus gun creideadh iad:

An duine seo, a thugadh thairis le comhairle chinntich agus ro‑eòlas Dhè, ghlac sibhse, agus le làmhan dhroch dhaoine cheus agus mharbh sibh e:

A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a’ chuid eile de na h‑abstoil, Fheara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn?

Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh rim dhìon-chainnt ribh a‑nis:

Agus air dearcadh do Phòl air a’ chomhairle, thubhairt e, Fheara agus a bhràithrean, anns an uile dheagh chogais chaith mise mo bheatha a‑thaobh Dhè gus an là‑an‑diugh.

Ach nuair a thuig Pòl gu robh cuid dhiubh nan Sadusaich, agus a’ chuid eile nam Pharasaich, ghlaodh e anns a’ chomhairle, Fheara agus a bhràithrean, is Pharasach mise, mac Pharasaich: is ann as leth dòchas agus aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt am breitheanas.

Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach.

Agus air dhaibh a bhith an aghaidh a chèile, sgaoil iad, air do Phòl aon fhacal a ràdh, Is math a labhair an Spiorad Naomh tre an fhàidh Esaias, ri ar n‑athraichean.

Agus thubhairt esan, Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh. Dh’fhoillsicheadh Dia na glòire dar n‑athair Abrahàm, nuair a bha e ann am Mesopotàmia, mun do ghabh e còmhnaidh ann an Haran.

A’ rannsachadh ciod i, no ciod a’ ghnè aimsir a bha Spiorad Chrìosd anntasan a’ foillseachadh, nuair a rinn e fianais ro‑làimh air fulangasan Chrìosd, agus a’ ghlòir a bha gu an leantainn.

Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh.

Oir b’fheàrr dhaibh gun eòlas a bhith aca air slighe na fìreantachd, na, an dèidh a h‑eòlas fhaotainn, tilleadh on àithne naoimh a thugadh dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan