Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 1:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thill iad gu Ierusalem, on t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann-ola, a tha am fagas do Ierusalem, astar là sàbaid as.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus seasaidh a chasan air an là sin air Sliabh nan Crann-ola, a tha fa chomhair Ierusaleim air an taobh an ear: agus sgoltaidh Sliabh nan Crann-ola na mheadhon, ris an àird an ear, agus ris an àird an iar, air chor is gum bi gleann ro‑mhòr ann: agus gluaisidh leth an t‑slèibh ri tuath, agus an leth eile ri deas.

Agus nuair a dhruid iad ri Ierusalem, agus a thàinig iad gu Betphage, gu Sliabh nan Crann-ola, an sin chuir Iosa dithis de a dheisciobail uaithe,

Ach guidhibh-se gun ur teicheadh a bhith anns a’ gheamhradh no air an t‑sàbaid:

Agus air suidhe dha air Sliabh nan Crann-ola, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh ann an uaigneas, ag ràdh, Innis dhuinne cuin a thig na nithean sin gu crìch, agus ciod e comharradh do theachd-sa, agus crìoch an t‑saoghail?

Agus air dhaibh laoidh a sheinn, chaidh iad a‑mach gu Sliabh nan Crann-ola.

A‑nis nuair a dhruid e ri Betphage agus Betani, làimh ris an t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann-ola, chuir e dithis de a dheisciobail uaithe,

Agus bha e anns an là a’ teagasg anns an teampall, agus anns an oidhche chaidh e a‑mach, agus dh’fhan e air an t‑sliabh, den goirear Sliabh nan Crann-ola.

Agus thug e a‑mach iad cho fad is Betani; agus thog e suas a làmhan, agus bheannaich e iad.

Agus rinn iad adhradh dha, agus thill iad gu Ierusalem le gàirdeachas mòr:

(A‑nis bha Betani fagas do Ierusalem, mu thimcheall còig-stàidean-deug uaithe.)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan