Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 1:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt iad, Fheara Ghalile, carson a tha sibh nur seasamh ag amharc gu nèamh? An t‑Iosa seo a thogadh suas uaibh gu nèamh, is amhail sin a thig e, mar a chunnaic sibh e a’ dol do nèamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Oir thig Mac an Duine ann an glòir a Athar, maille ra ainglean; agus an sin bheir e do gach neach a rèir a ghnìomharan.

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Gu bheil cuid den dream a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad Mac an Duine a’ teachd na rìoghachd fhèin.

Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr.

Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile maille ris, an sin suidhidh e air cathair rìoghail a ghlòire:

Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd anns na neòil, maille ri mòr-chumhachd agus glòir.

Agus dh’àich e a‑rìs. Agus an ceann beagan na dhèidh sin, thubhairt iadsan a bha nan seasamh an làthair a‑rìs ri Peadar, Gu fìrinneach is ann dhiubh siud thu: oir is Galilèach thu, agus tha do chainnt cosmhail riu.

Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas-làimh Dhè.

Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd ann an neul, le cumhachd agus mòr-ghlòir.

Agus air dhaibh a bhith fo eagal, agus a’ cromadh an aghaidh a‑chum na talmhainn, thubhairt iad riu, Carson a tha sibh ag iarraidh an tì a tha beò am measg nam marbh?

Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rìs, agus gabhaidh mi sibh am ionnsaigh fhèin; a‑chum far a bheil mise, gum bi sibhse mar an ceudna.

Gus an là anns an do thogadh suas e, an dèidh dha, tron Spiorad Naomh, àitheantan a thoirt do na h‑abstoil a thagh e:

A’ tòiseachadh o bhaisteadh Eòin, gus an là anns an do thogadh suas uainn e, a bhith air a dhèanamh na fhianais air a aiseirigh-san maille rinne.

Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, thogadh suas e, agus iadsan ga fhaicinn; agus thug neul as an sealladh e.

Agus chunnacas e rè mòran làithean leòsan a chaidh suas maille ris o Ghalile gu Ierusalem, dream a tha nam fianaisean dhàsan don t‑sluagh.

Agus bha iad uile fo uamhas agus ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Feuch, nach Galilèaich iad sin uile a tha a’ labhairt?

Agus nuair a chunnaic Peadar seo, fhreagair e an sluagh, Fheara Israeil, carson a tha sibh a’ geur-amharc oirnne, mar gum b’ann le ar cumhachd no ar naomhachd fhèin a thug sinn air an duine seo imeachd?

Neach as èiginn do nèamh a ghabhail gu aimsirean aiseag nan uile nithean, air an do labhair Dia le beul a fhàidhean naomha uile, o thoiseach an t‑saoghail.

Agus gu feitheamh ri a Mhac o nèamh, a thog e suas o na mairbh, eadhon Iosa a shaor sinne on fheirg a tha ri teachd.

Oir thig an Tighearna fhèin a‑nuas o nèamh le àrd-iolaich, le guth an àrd-aingil, agus le trompaid Dhè: agus èiridh na mairbh ann an Crìosd air tùs:

Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.

Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon-san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan